GaidhligArticles in Gaelic written by our elder, Mr John MacLean.
■ Salm 146.5
■ 2 Corintianach 5.17 ■ Eoin 3.16 ■ Salm 41.4 ■ Galatianach 5.25 ■ Eoin 4.10 ■ Mata 6.6 ■ Ieremiah 17.1 ■ Salm 84.2 ■ 1 Righ 18.36 ■ Micah 4.12 ■ Salm 95.6 ■ Salm 23.1 ■ Isaiah 55.2 ■ Salm 16.6 ■ Mata 4.10 ■ Romanaich 8.35 ■ Isaiah 26.3,4 ■ Ieremiah 8.20 ■ Salm 39.12 ■ 2 Corintianach 7.15 ■ 2 Thimoteuis 3.16,17 ■ Eoin 16.33 ■ Hosea 10.12 ■ Ephesianach 3.14,15 ■ 1 Eoin 4.7 ■ Marc 8.36 ■ 1 Tesalonianach 5.25 ■ Salm 66.20 ■ 2 Corintianach 7.6 ■ Salm 71.16 ■ Colosianach 3.23 ■ Salm 119.103 ■ Sheumais 1.5 ■ Sechariah 13.1 ■ Isaiah 62.1 ■ Salm 51.1 ■ Salm 102.19,20 ■ 1 Eoin 4.1 ■ Salm 31.1 ■ Sheumais 4.15 ■ 1 Corintianach 15.58 ■ Eabhruidheach 12.5,6 ■ Gnath-fhocail 27.1 ■ Isaiah 43.11 ■ Mata 5.10 ■ 1 Peadair 1.24,25 ■ Salm 122.1 ■ Salm 119.145 ■ Salm 128.6 ■ 1 Peadair 2.2 ■ Gniomharan 9.6 Salm 146.5
Nach iomadh beartas a tha ri aithneachadh ann an briathran an tsalmaidh a tha air a thogail dhuinn anns an earrann. Tha e furasda thuigsinn gu bheil eòlas pearsanta aige air an Tighearna ach nach math dha a bharrachd air an so gu bheil eòlas spioradail aige air cuspair a dhòchais. Nach mòr an teisteanas a tha e a’ cuir fa ‘r comhair anns an darna earrann: (Molaidh mi an Tighearna an cian is beò mi; seinnidh mi cliu do ‘m Dhia, am feadh a bhitheas bith agam.) A rithis tha e ga ‘r treorachadh a dhionnsaigh na slighe air am bu choir dhuinn a bhi dlùthleantainn agus a toirt rabhadh dhuinn gun a bhi cuir ar ‘n earbsa ann an uachdarainn neo duine sam bith, fa’r nacheil furtachd. ‘Se gliocas a tha an so do ‘m bu choir dhuinn uile cluais-eisdeachd a thoirt. Chaneil sonas an t-saoghail so ach mar fhaileas a theid seachad ann am briobadh na sùile aig nacheil bunait air bith a tha chum na beatha maireannaich. Tha sonas an t-salmaidh eadar-dhealaichte oir tha an Spiorad air obair a dheanamh na anam agus an Tighearna Iosa Criosd aige mar stiuir anns a bheatha so. Dè an tomhas sonas a tha agad fhein a dol troimh do bheatha? A m bheil thu ag aithneachadh strì ag obrachadh na’d aghaidh nach toir dhuit sàsachadh air bith? An do dh’fhairich thu bearn neo falamhachd na ‘d bheatha a tha nochdadh dhuit nacheil thu ach a dol air adhart an aghaidh sruth laidir? Tha iomadach truaghan ri strì air an doigh so agus nacheil a tuigsinn gur e Spiorad an Tighearna a tha iad a’ cuir feum air. Dean thusa do dhleasdanas fa chomhair do shuidheachadh agus dean urnaigh ris an Tighearna agus iarr gum beannaicheadh an Tighearna thu agus gum faigheadh tu eòlas air Criosd agus gun toireadh e dhuit sàsachadh do’d anam. 2 Corintianach 5.17
Nach iomadh rud a tha ann an eachdraidh gach aon againn nach tug toileacheas mòr sam bith dhuinn, chionns nach ro e ceart agus a dh’fhàg sinn a giulan cionnt thairais mòran laithean agus bhliadhnaichean. Bi sinn gu tric a smaoineachadh air na nithean so agus ni sinn ‘ur dìchioll air a’ chleith bho dhaoine. Tha e mar gum biodh e na adhbhar nàire dhuinn. Tha bun nan nithean so anns a pheacadh; ach cò againn a dhaidaicheas e? Cùm folaichte e! ‘Se so as trice ni sinn. Tha an peacadh a carnadh suas thar nam bliadhnaichean agus tha a thromad a sìor thighinn nas doilghe a ghiulan. Cò idir gu an teid sinn? Faodaidh sinn le cinnt a dhol a dh’ionnsaigh an Tighearna Iosa Criosd agus maitheaneas iarraidh airson ‘ur peacaidhean. Cha bu tu a cheud fhear a rinn so agus cha bhi call agad as. Thig gu dùrachdach chum Chriosd ann an urnaigh agus aidaich na lathair do chuid pheacaidhean agus fuirich gu foighidneach airson na dh’iarr thu air. Tha an t-abstol Pòl a cuir an ceill dhuinn na rinn an Tighearna Iosa Criosd do gach aon a thainig na lathair ann an ùrnaigh. Tha e ag innse gu feum sinn a bhi ann an Criosd agus gum bi sinn na’r creutairean nuadh maille ris-san. Tha e ag ràdh gun d’theach na seann nithean seachad agus gun do rinneadh na h-uile nithean nuadh. Tha saorsa agus fuasgladh air aithneachadh anns a phearsa a chuireas èolas air an Tighearna. Tha a’ pheacaidhean air an toirt air falbh. Chaneil cionnt do pheacaidh agad a nis. Thog Criosd air falbh an tromad a bha thu a giulan. Cuimhnich gun do bhàsaich Criosd air a chrann-cheusaidh airson peacaich bhochda mar mise agus thusa. Aig toiseach bliadhna ùr biodh do hsùil air cuspair do dhòchais. Eoin 3.16
Bha uair ann agus bha an earrann so air a leughadh agus air a tuigsinn le iomadh neach agus le mhòr-chuid de theaghlaichean. Bhiodh greim aig òg agus sean air ciall na h-earrainn agus bhiodh mòran ann a bhiodh a cuir dòchas ann an cuspair na h-earrainn so agus an aìte air a dheanadh tearuinte dhoibh na dachaidh bhuan. Tha faclan ar Slànuighear gun atharrachadh a nuas trè na bliadhnaichean sin gus an latha’n diugh. Faodaidh sinn a ràdh gu cinnteach ma ta nacheil ciall agus brigh na fìrinn air atharrachadh na ‘s mò. Nach math gu bheil bunsteidh againn airson tearuinteachd ar n’anam anns an t-siorraidheachd air thoiseach oirnn. Tha bhunait so air a togail air gràdh a tha maireannach nuair a chreideas sinn briathran na h-earrainn. Seall fhein an dòchas a tha air a thoirt dhuinn; nach sgiosar sinn ach gum bi beatha shiorraidh air a thoirt dhuinn. Beatha gun chrioch. Cò idir as urrainn cùl a chuir ris an earail so? Nach stad thu an dràsda fhein agus gum beachdaich thu air dè am buinsteidh a tha agad anns a bheatha so. Co neo de anns am bheil thu a cuir do dhòchas nuair a thig crioch do thuras? Tha Mac Dhè a cuir na briathran so riut air an latha n’diugh agus e a cuir solus air an t-slighe dhuit. An do smaoinich thu fhein riamh nach bi bun-steidh agad anns an t-sliighe a tha thu a comharrachadh a mach dhut fhein? An cùm I suas thu? Tha Criosd ag radh rinn: ma chreideas sinn annsan cha sgriosar sinn ach bi bheatha shiorraidh againn. Dè mar a tha thu fhein a coimhid air an t-siorraidheachd a tha air thoiseach ort? Salm 41.4
Tha an salmaidh a cuir urnaigh suas chum an Tighearna agus ag aideachadh a pheacaidhean fhein uair eile. Chan e aon uair aleugheas sinn mu thimcheall an t-salmaidh agus e fo bhuaidh a chuid pheacaidhean. Nach math gur ann a dh’ionnsaigh an Tighearna a thig e nuair a tha e anns an tsuidheachadh so. Tha e a gairm gu sònraichte air an Tighearna nuair a tha e ag ràdh, “A Thighearna, dean tròcair orm”. Tha e mothachail air mar a tha am peacadh a luidhe air agus ga dhìteadh. Chaneil e idir a faicinn freagradh dha chùis ann fhein neò ann an duine eile ach a mhain anns ann Tighearna. Tha so cudthromach dhuinn uile oir feumaidh sinn a thuigsinn gu bheil anam air siubhail gach aon againn agus gu bheil gach peacadh ri bhi air a mhaitheadh dhuinn. Nacheil e ag ràdh na urnaigh, “leighis m’anam”. Tha e faireachdinn gu feum an Tighearna tròcair a nochdadh dha agus anam a leigheis oir ‘s ann an aghaidh an Tighearna tha e peacachadh. Dè mar tha do shuidheachadh fhein agus do pheacadh? Am bheil do pheacaidhean a labhairt riut agus ag innse dhuit gur ann an aghaidh an Tighearna a tha e. Feumaidh gach aon tròcair an Tighearna iarraidh agus maitheanas fhaighinn chum gum bi ‘ur n’anam air a leigheas dhuinn. Feuch nach creid thu chaochladh. Am bheil thu ‘g iarraidh saorsa do’d anam airson na beatha maireannich? Tha ìmpidh air a chuir oirnn uile fa chòmhair na siorraidheachd mhòir. ‘S e gun deanamaid feum dhen chothrom ann a bhi cleachdadh slighe na h-urnaigh agus ar cùis a chuir an òrdugh anns an Tighearna Iosa Criosd. Galatianach 5.25
Tha an t-abstol Pòl a criochnachadh a chaibtil so le deagh chomhairle do gach Criosdaidh air mar bu chòr dhuinn sinn fhein a ghiulan mar fhianaisean air a thaobh. ‘S e ni feumail a tha so dhuinn uile mar Chriosdaidhean ach gu sonraichte dhaibhsan a tha ùr anns a chreideamh oir tha sinn ri thuigsinn gu bheil dùbhlan mòr air thoiseach oir uile nuair tha atharrachadh air tighinn na’r beatha. Chan fhaod sinn a bhi smaoineachadh gu bheil e comasach dhuinn bhi air an t-slighe cheart gun a bhi strì chum dilseachd air slighe na naomh. Ann an darna leabhar nan Righ, 3.16 tha òrdugh air thoirt leis an Tighearna mar a leanas; “Dean an gleann so làn de chlaisibh”. Bha so a ciallachadh, ma bha soirbheachadh ri bhi ann dhaibh gu feumadh na claiseachean a bhi air am fosgladh chum is gun sruthadh beannachd an Tighearna air an tìr. Bha an Tighearna a nochdadh dhaibh gu feum gach Criosdaidh gach uile oidheirp a dheanamh rè am beatha. Tha sinn ri bhi beò anns an Spiorad – gun sguir. Tha sinn ri cuimhneachadh gu bheil an Spiorad Naomh a cumail neart ri gach aon againn agus gur e so an t-adhbhar a’s urrainn dhuinn a bhi gluasad ‘s an Spiorad agus nach ann na bhur neart fhein. Tha mi air a thogail mar tha gur e dùbhlan a tha ann dhuinn so a dheanamh ach nach math gu bheil sinn gach là a coimhead air adhart agus gu bheil ur sùil air cuspair ur dòchais agus an duais aig crioch ‘ur turas. Gum beannaicheadh an Tighearna gach aon againn anns an dùbhlan so agus bhur sùil air dùthaich as fhearr. Eoin 4.10
Chaneil e na annas dhuinn a bhi leughadh criomag bheag anns an fhìrinn far am bi Criosd ri còmhradh ri cuideigin agus mar is motha tha’n còmhradh a dol air adhart ‘s ann a chi sinn mar a tha aineolas an neach sinn air a nochdach dhuinn. Tha sinn uile cho dualach gu bhi faicinn gach ni tre ‘ur sùilean agus ‘ur tuigse fhein. Tha’n dearbh nì air a bhi gabhail aite anns a chòmhradh a bha aig Criosd ris a bhan-Shamaritanach. Seall cho pongail ‘sa bha na ceistean agus na freagartan a thug a bean bhochd seachad. Bha deagh rùn anns gach ni a thog I na còmhradh ach aha aon nì a dh’uireasbhuidh oirre. Cha ro tuigse spioradail air fhosgladh fhathast agus bhiodh sin mar sin gus an rachadh e fhosgladh dhi le Criosd. Bi gach neach anns an t-seadh sin gus an tig atharrachadh oirnn agus ‘ur sùilean air am fosgladh leis an Tighearna. Chaneil sùil air fosgladh ach a mhàin an tè sin a dh’fhosglas Criosd. Fhuair a bhan-Shamaritanach eòlas prìseil air nì a bha cho sìmplidh agus na tuigse fhein cho cumanta ach nochdadh dhith eòlas air an uisge bha aig Criosd agus E ag radh rithe, v.14. “Ach ge be dh’òlas den uisge a bheir mise dha, bithidh e na thobar uisge ann, a sruthadh suas chum na beatha maireannaich.” Seall a bhuaidh a bha aig briathran na fìrinn air a bhean choir nuair a dh’iarr I an t-uisge sin ra òl a bheireadh dhith sàsachadh na beatha gu siorraidh agus nach bi gu brath air a thoirt bhuaipe. O gu ro sinne uile a tighinn chum Chriosd airson sàsachadh an anam. Mata 6.6
Is e cuspair sòlaimte a tha ann an urnaigh agus cuspair anns a flum sinn a thuigsinn gur ann ri Dia a mhàin a tha sinn a deanamh ‘ur gnothach. Tha mòran ann a tha ag urnaigh agus a deanadh dichuimhne gur e Dia feareisdeachd na h-urnaigh sin. Chan fhaod sinn sùileachadh gum faigh sinn freagart bho Dhia mur a bheil sinn ag urnaigh air bunait na fìrinn. Tha cuid a dhaoine ann agus tha iad riaraichte le urnaigh a dheanamh feadh ‘sa bhios luchd-eisdeachd dlùth dhaibh a cluinntinn a mòr- bhriathran. Chan ann ri Dia a tha iad a coimhead. Tha sinn a leughadh cho tric anns a Bhiòball mar a dh’fheumas urnaigh bhi air a dheanamh anns an Spiorad agus sin tre ‘ur Tighearna Iosa Criosd. Dh’fhàs mòran theaghlaichean suas ri eòlas air aoradh anns an dachaigh agus ag ionnsachadh stiureadh air mar a bha urnaigh ri bhi air a cleachdadh. De mar a tha mi fhein agus thu fhein a seasamh a thaobh urnaigh? Am bheil thu cleachdadh urnaigh mar ni a tha chum do mhaith agus airson taing a thoirt do Dhia? An urrainn dhuit a bhi foghlam bho’n cheann-teagaisg a th’againn fa ur comhair an diugh? Tha ìmpidh air a chuir oirnn gu pearsanta a dhol a steach do sheòmar leinn fhein agus an dorus a dhùnadh chum is gum bi ‘ur n’ urnaigh a mhain ri Dia ans an uaignidheas. Tha sinn ri thuigsinn gu feum ur n’urnaigh a bhi air a dheanamh anns an Spiorad Naomh. Se sin a tha fàgail urnaigh mar ni a tha cho sòlaimte ann am beatha a Chriosdaidh. Tha Dia a toirt dhuinn duais gu follaiseach ma chleachdeas sinn na modhannan sin a tha air iarraidh oirnn: “urnaigh nam bochd bheir e fanear, ‘s cha diult e iad le tàir.” Ieremiah 17.1
Nach tric a chluinneas sinn cho sgiobalta ’sa thig an bhliadhn’ – ùr timcheall agus ’s e na seann daoine as tric a dh’fhairicheas so. Tha an òigridh a cumail am beatha dol ri iomadh cuir-seachad agus ’s dòcha nacheil iad a toirt fainear air cho fìor luath ’sa tha na seachdainean agus na mìosan a dol seachad. Tha mòran air an fhaire agus gun ùine aca air nithean eile. Cha n’ fhaic a mhòr-chuid dhiubh feum air sùil a tooit air nithean a bhuinneas do chrioch am beatha agus air siorraidheachd. A dh’ainndeoin so, tha e cudromach dhaibh uile gum bi dealbh air a chair fa’n comhair chum is gun tuig iad cho prìseil ’sa tha deireadh am beatha agus feumalachdan an anam. Feumaidh so a bhi air a bhunaitacheadh le gràdh chum is gun tuig iad gu bheil siorraidheachd air thoiseach oirnn uile. Cha - n e mhainn òigridh a dh’fheumas so a thuigsinn ach a mheadhon-aois agus an t-seann-aois cuideachd. Tha anam air siubhal gach duine agus bi t-anam air iarraidh ort nuair a thig crioch do thuras anns a bheatha so. Bhiodh e na ghliocas dhuinn mar sin gum bitheamaid a coimhead air briathran an fhàidh agus a coimhead a steach do bhrìdh nam briathran sin. Tha sinn uile a cuir feum air beannachdan bho’n Tighearna chum is gun greimaich sinn air dòchas airson an dùthaich nèamhaidh. Lèugh dhuit fhein an ath earrann anns a chaibtail so agus faic an dreach fhreagarrach a tha air a thogail dhuinn an sin. Dealbh air a thoirt dhuinn mu phailteas agus beartas an Tighearna nach bi gu bràth air a thoirt bhuain. Tha mi airson ìmpidh a chuir ort, co-dhiubh sean na òg, aig toiseach bliadhna eile, gun stadadh tu agus gun tuigeadh tu gu bheil do bheatha mar na bliadhnaichean a dol seachad cho luath. Bhiodh e math dhuitsa agus dhòmhsa gun ro sinn a toirt aite do Chriosd na’r beatha agus a deanamh ullachadh airson an latha mhòr sin a thig do gach aon againn. Salm 84.2
Tha an salmaidh ag innseadh dhuinn na bha e a’ faireachdainn mu thimcheall an Tighearna agus iarrtais air a bhi na làthair ann an tigh an Tighearna. Tha e a’togail dhuinn dealbh air an dàimh a bha aige na anam a thaobh an Tighearna. Tha so furasda a thuigsinn nuair a chi sinn an ìre graidh a bha aige dhan Tighearna. Chaneil an dealbh a tha so na anas sam bith anns na hamanan sin. ‘S e ni eile a th’ann anns an a latha anns am bheil sinne bèo. Chaneil an aon spèis air a’ tooit do adhbhair a Chruthaidheair na’r latha-ne. Bha latha ann nuair a bra lan-theaghlaichean a coiseachd dhan an eaglais agus gu ìre mhòr spèis air a’ shealltainn dhan an Tighearna. Bha latha na Sàbaid air a’ cumail anns a mhòr-chuid a dhachaighean. Nach ann oirnn a thàinig an dà latha! Thàinig criònadh mòr air a chleachdadh a bha so ants na coimhearsnachdan againn. Càite bheil am miann a bha againn anns na làithean sin anns gach sgìre? Cha tàinig nì math sam bith na àite! Dè slighe air adhart dhuinn anns a ghinealachd so anns a bheil sinn ag imeachd? Tha gach neach a tha bèo air talamh an diugh a cuir feum air tomhas math de’n mhiann agus an t-iarrtas a bha aig an t-salmaidh. Feumaidh sinn uile suil a’ thoirt oirnn fhein a thaobh an ullachaidh a tha sinn a deanamh airson an latha anns an gairm Dia sinn chum ‘ur dachaigh bhuan. Nach fhaod sinn toiseachadh le bhi toirt fainear gu bheil anam air ‘ur siubhal agus gu feum sinn gnothach a dheanamh ri Dia airson bhur deanamh tearainte fa chommhair an latha mhòr sin. Gum bid ‘ur cridhe agus ‘ur feoill ag èigheach gu h-àrd airson an Dè bheò. 1 Righ 18.36
Tha an urnaigh so air a meas gu mòr a measg chreidmhich agus iad air an tarraing gu ìre tuigse as airde ‘na beatha spioradail. Chaneil so na ìognadh dhuinn idir oir tha sinn a faicinn an dàimh shònraichte tha eadar am fàidh agus Dia. Tha an urnaigh a seasamh amach dhuinn agus a’ toirt dhuinn eisimpleir air mar a coir ‘ur dàimh a bhi ris an Dia a chruthaich sinn. Mar Chriosdaidhean tha sinn a’ faicinn cho tric, cho beag ullachadh ‘sa tha sinn a deanamh nuair tha sinn tighinn a dh’ionnsaigh an Tighearna air slighe na h-urnaigh. Chaneil sinn a toirt fainear gur ann a dh’ionnsaigh ‘ur n’Athair nèamhaidh a tha sinn agus gu bheil aithne `Aige-san air na h-uile nithean a tha sinn a’togail na’r n-urnaigh. Nach tric a leughas sinn ‘s an fhìrinn mar a bhiodh seirbhisich an Tighearna a taghadh àite sònraichte na’n aonar far an faigheadh iad fois agus ann an spiorad a chum urnaigh ri Dia. Bha modh spioradail air aithneachadh anns an ullachadh airson gum biodh co-chomunn aca ris an Athair air slighe na h-urnaigh. Feumaidh sinn a’ thuigsinn nach ann a mhain le ‘ur bilean a dh’fheumas sinn tighinn a dh’ionnsaigh an Tighearna ach gum biodh ‘ur cridhe air a stèidhachadh air creideamh anns an Tighearna Iòsa Criosd. Seall mar a tha am fàidh a nochdadh dhuinn cò dhà agus cò ris a bha e ag urnaidh agus gur ann chum cliu agus gloir Dhè a bha na huile nithean air a dheanamh. Bhiodh e fèumail dhuinn uile bhi deanamh an ullachaidh so aig àm urnaigh agus a’ bhi cuimhneachadh gur ann ri Dia nan Uile-Chumhachdaich a tha ur gnothach agus chan ann airson ur feum-ne a mhainn ach gum biodh gach gloir da `Ainm-sa. Micah 4.12
Nach breagha an comhfhurtachd a bheir an Tighearna dhuinn na fhocal ged nach eil sinne a tuigsinn agus a’faicinn seo cho tric ‘s a bu chòir dhuinn. Tha am fàidh a’dèanamh follaiseach dhuinn dearbh-chinnt a rioghachd, dhoibhsan a tha cuir an dòchas ann. Tha e na mhisneach do shluagh an Tighearna gu bheil seo air a’ dhealbh cho breagha na fhocal. Tha seo air a’ dheanamh do chlann-sa chum is gu faic iad a mhòralachd ‘sa ghràdh a tha tighinn a mach a beartas a làimhe. Tha e fìor gu feum sinne tighinn da ionnsaigh-san airson a bhi blasad agus ri foghlum na nithean prìseil a tha aige dhuinn. Feumaidh sinn ùmhlachd a shealltainn dha agus a bhi meas gach nì a tha e a’ cuir fa’r comhair. Chaneil e ‘g iarraidh mòran bhuainn! Tha iad ann nach eil a’ toirt fainear a chaoimhneas-graidh agus fhadfhulangas dha ‘ur taobh. Chan eil iad eòlach air a bhi leantainn comhairle Dhè tre’n fhìrinn chionn’s nach eil iad a’ cleachdadh nan cothroman a tha e tabhairt dhuinn. Tha e gealltainn gun cruinnich e a shluadh mar a tha “na sguaban air an cruinneachadh chum an ùrlair” aig àm an fhoghair. Tha an dealbh seo cho mòr agus cho cudromach ann an suil nan tuathanaich a bhiodh a’ feitheamh gu foighidneach ri bàrr math airson a gheamhraidh. Bhiodh e iomchaidh dhuinne mar shluagh an Tighearna gum biodh sinne a feitheamh gu dòchasach ris an àm anns an toir an Tighearna sinne chum ‘ur dachaigh bhuan. ‘Se cheist dhuinn uile an diugh: am bheil sinne ag aithneachadh smuaintean an Tighearnaa agus a’tuigsinn a chomhairle? Nach leugh thu dhuit fhein, Eoin 14.1-7 mar a labhair Criosd r’a dheisciobail chum ‘s gun tuigeadh iad agus gun faigheadh iad èolas airsan na’m feum. Salm 95.6
Tha an geamhradh a tha sinn air a dhol throimhe air iomadh latha agus oidhche nochdadh dhuinn far a bheil cumhachd Dhe air fhoillseachadh gu cruaidh anns a ghaoith agus anns na uisgeachean. Tha buaidh na droch shìde a bualadh gu mòr air daoine agus iad a faicinn gu bheil an aimsir a sior thighinn nas miosa. Cluinnidh tu cho tric iad ag radh nach robh na machraichean riamh cho làn de dh’uisge agus cumhachd na gaoithe a seideadh aig àird far nacheil iad a faireachdainn sàbhailte. Tha eagal air tighinn air daoine nach robh oirre anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh. A dh’ainndeoin’s cho cruaidh sa bhios na geamhraichean chi sinn gun tig aimsir nas fhearr agus gum bi gach ni air ais mar a dhiarrar airson obair earraich a dheanadh. Dè is breagha na bhi faicinn madainn àlainn, ghrianach agus chiuin as deidh droch aimsir. Tha an t-eadardhealachadh seo a dèanadh samhla dhuinn air lan-chorruich a pheacaidh agus sìth an spioraid mar a tha e air a dhealbh anns an duinne air an tig atharrachadh na gràs. Tha am peacadh a fàgail a làrach fhein ann am beatha ‘n duinne ach nach sònraichte alainn an t-atharrachadh a ni Dia anna an duinne sin. Tha ciuine an spioraid a gabhail aite agus a toirt dhuinn dealbh air mòralachd an Tighearna far a bheil cruadal a pheacaidh air a thogail air falbh. Nach math dhoibhsan a fhuair an t-eolas so air Dia agus iad a faotainn saorsa bhon pheacadh agus sìth an spioraid air a thoirt dhoibh. Bhiodh e iomchuidh gun biodh sinne a gabhail ri briathran an tsalmaidh agus a tighinn da ionnsaigh-san agus a bhi sleuchdadh sios na lathair agus a toirt dhasan an t-àite sin na ‘ur beatha. ‘S ann annsa a tha ur bith agus ur beatha agus ur n-uile chomasan gluasaid. Salm 23.1
Tha an t-àm seo dhen bhliadhna a ‘togail iomadh smuain agus chuimhneachain ann an beatha mòran dhaoine. Smuaintean a bheir air ais iad gu amannan an òige nuair a bha iad gun uallach neo dragh mu thimcheall ni sam bi na beatha. Tha e cho furasda dhuinn dealbh a tharraing dhen an àm sin agus air a bhi cuimhneachadh cho saor ‘s bha ur beatha. Tha nithean eadar-dhealaichte aig a h-uile duine ra innseadh. Saoilaidh mise gu bheil mòrbheartas ann am beatha gach aon agus beartas air nacheil sinn mothachail. Tha na briathran ‘sa cheann-teagaisg a tarraing moran air ais gu àm sònraichte na beatha nuair a bha iad a dol do’n sgoil. Is iomadh fear agus tè a bhios a dol air ais nan cuimhne nuair a bhiodh iad ag ionnsachadh earrann neo dha de h-salm airson aithris dhan an tidseir aig toiseach an latha-sgoile. Bha e cho cumanta dhuinn aig an àm gu bhi a cuideachadh a cheile air an tslighe don sgoil gus gum biodh an salm air teanga gach leanaibh airson aithris don tidseir. Bha seo mar dhleasdanas oirnn a h-uile latha san ro sinn san sgoil. Thog mi am facal ‘beartas’na bu tràithe agus gu bheil sinn na ur n’òige gun mhothachadh air a bheartas tha sin. Nach prìseil beartas facail an tsalmaidh dhoimhsan a dh’ionnsaich na briathran a tha againn fa’r comhair an diugh. Am bheil thusa air t-aireamh mar aon dhiubh sinn as urrainn a dhol air ais nad chuimhne agus na briathran cho ùr dhuit an diugh ‘s a bha iad dhuit aig àm tòige? Am bheil na briathran a ciallachadh barrachd dhuit an diugh seach an uirsinn? Am bheil thu ag aithneachadh stiuireadh na do bheatha agus gun urrainn dhuit a bhi tarraing as an lànachd tha sin agus nach bi dìth ort? Isaiah 55.2
Tha am faidh a’ tagradh ris an t-sluagh anns a chaibtil seo agus ga’n gairm a dh’ionnsaigh an Tighearna Iosa Criosd. Tha e a’ faicinn suidheachadh Ierusaleim agus a deanamh caoidh air sàilleamh cho beag creideamh s’a tha anns an tìr. Tha sinn ri thuigsinn gu bheil aingidheachd an t-sluaigh a sior dhol a meud agus iad a cuir astar eadar iad fhein agus Dia. Tha iomadh bliadhna agus ginealach air a dhol seachad bhon an àm sin, ach feumaidh sinn aideachadh gu bheil an suidheachadh na’r latha-ne anns an aon staid thruagh far a bheil adhbhar agus focal an Tighearna air an tilgeadh air falbh mar luideag gun fheum. An ann mar seo a tha e agad-sa? Do bheachdaich thu air do shuidheachadh ma tha thu as eugmhais Chriosd na do bheatha? Bheil cuimhne agad air àm sam bith nuair a bha ainm Chriosd a ciallachadh ni dhuit? Am bi seo idir na adhbhar bròn dhuit? Bha peacadh chlann Israeil a sior mheudachadh. Nach e seo an t-adhbhar a tha am faidh a togail nam briathran anns an earrann? Sluagh a dol air adhart a dhionnsaigh siorraidheachd; agus iad a’caitheamh am beatha air ni gun bhrìgh agus gun fheum. Nach eil a thìde aig gach sluagh air thalamh coinneachadh ri Criosd anns an t-soisgeul agus an glùin a lùbadh dhàsan agus sasuchadh iomlan fhaighinn annsan. Chaneil feum sam bith ann ri bhi dol air adhart ‘s gun stiuir na do bheatha neo gun sàsuchadh agus t-anam air chàll Leugh dhuit fhein a chaibtil bheag ghoirid a tha seo agus beachdaich air briathran an fhaidh agus a chomhairle phrìseil a tha air a ghealladh do gach aon a thig gu Criosd. Nach e duine a bhiodh cearbach suidheachadh anam fhàgail aig an t-saoghal agus Criosd a labhairt riut aig an dearbh àm seo airson t-anam a dheanamh tearuinte Annsan. Salm 16.6
Tha briathran an t-sailm seo air an togail gu tric ann an beatha gach Criosdaidh agus bhiodh e reusanta gur ann mar seo a bhitheadh e. Tha iad a deanadh luaidh air a chuspair a threoraich iad chum na slighe agus a tha cuir beartas fa’n comhair rè am beatha. Chan e beartas airgiod neo òr air am bheil sinn a bruidhinn idir ach beartas a tha dol thairis gach uile bheartas. Is e beartas an spioraid mun bheil sinn a labhairt an seo agus cha tuig seo ach iadsan a tha air eòlas spioradail a chuir air an Tighearna Ìosa Criosd. Tha an salmaidh a cuir dealbh dhuinn air an t-slighe shònraichte tha seo a tha toirt dha uiread aoibhneas na bheatha. Tha e ag aithneachadh gu bheil a chuid-sa san tsaoghal air a thionndadh ann am freasdal Dhè, gu oighreachd a tha lànthaitneach dha agus nach bi gu bràth air a thoirt bhuaidh. Tha sonas agus sìth an cois an fhreasdail seo agus tha an Criosdaidh ri thuigsinn gur ann a dol bho neart gu neart a bhitheas e rè a bheatha, gus an ruig e crioch a thurais air thalamh. Cò ‘s urrainn luach a chuir air beartas den t-seorsa seo? Tha sluagh an Tighearna a fulang mòran geur-leanmhain n‘ ur latha agus am barrachd agus am barrachd a deanadh tàir air aobhar agus focal Dhè. ‘S e nì duilich a tha seo anns an t-seadh gu bheil uiread a call a-mach air geallaidhean prìseil an t-Soisgeil. Bu chòr dhuinn a bhi tuigsinn nach bi Dia air a’ mhealadh oir tha focal an Tighearn ag innse dhuinn nach tig atharrachadh air a bhriathran-sa agus gun seas fhocal gu siorraidh. Nach b’fhearr gum biodh tu fhein a coimhead airson saorsa spioradail na’d bheatha agus ag aithneachadh làmh agus stiuradh an Tighearna maille riut gach là agus sin gu bhi leantainn dh’ionnsaigh na siorraidheachd. Gum biodh tu a toirt suil air do shuidheachadh fhein fhad’s a tha cothrom agad. Mata 4.10
Tha mòran dhaoine na’r latha èolach gu leor air na briathran a tha sinn a togail mar chuspair aig an àm seo. Tha e fior cuideachd na’r latha gu bheil am barrachd agus am barrachd a cuir cùl ris na briathran agus nacheil a toirt an àite do dh’fhocail an Tighearna mar a b’àbhaist. Is e suidheachadh nach iarramaid a tha seo; suidheachadh ris am feum gach aon tighinn ann an ùmhlachd chum an Tighearna. Tha sinn mar gum biodh sinn a cogadh an aghaidh an Tighearna agus sinn a cumail a mach gu bheil sinn air an t-slighe cheart. Tha gach aon a tha dhen bheachd seo air air a mealladh leis an t-Satan. C’aite bheil a bhuannachd ann an sin? Chi sinn anns an earrann a thog sinn gun robh Iosa air a threorachadh leis an Spiorad chum gu’m bitheadh e air a bhuaireadh leis an diabhul. Tha mòran ri fhoghlum bho’n an seo. Faic fhein mar a chuir cuilbheirtean an diabhuil dreach cho breagha agus tarraingeach air gach ni a thog e ri Iosa. Bha e feuchain ri Iosa; seadh, Iosa a mhealladh: eadhon, Mac Dhe. Faic freagart Iosa gach uair; “Tha e sgriobhta”. Nach math dhòmhsa agus dhuitsa gun ro a bhuaidh aig ar Tighearna Iosa Criòsd gach uair. Shèall e do gach aon againne gum feum sinne aig na h-amanan sin nuair a thig nàmhaid ar n’anam a steach oirnn mar a dh’fheumas sinne na briathran sin a chleachdadh agus eiseamplair Chriòsd a leantainn. Cuimhnich thusa air suidheachadh Chriòsd air an latha ud. Bha e air a bhi trasg airson da fhichead oidhche agus bha e ocrach. Bha an diabhul a smaoineachadh gun ro e air Criòsd fhaighainn na laigse. Ach se bha seo ach Mac Dhe a cleachdadh nam briathran air nach tig atharrachadh agus a sheasas gu siorraidh. Tha na briathran seo freagrach dhuitse cuideachd. Romanaich 8.35
Tha an litir seo le Pòl chum nan Ròmanaich a’ togail dhuinn beartas dòchais agus dearbhachd creidimh anns a chaibtail tha seo gu sònraichte. Tha I cuir an ceill dhuinn seasmhachd an fhocail bho am faod sinn a bhi tarraing neart bho’n an Spiorad. Tha seo cudthromach do gach Criosdaidh oir tha gach aon againn ag aithneachadh gu bheil cogadh agus failnichean a gabhail aite gach là na’ ur beatha; ni nacheil furasda ‘ghiulan oir tha nàmhaid ur n’anam a deanamh gach strì gus bhur toirt air falbh bhon an tslighe air a bheil sinn ag imeachd. Dh’aidaicheadh gach Criosdaidh gum bheil sinn aig an àm as fhearr lag agus anmhuinn agus a cuir feum air neart an Tighearna. Tha seo gu math follaiseach ann an teisteanas a Chriosdaidh mar a tha e sgriobhte anns an 8mh Caibtail, 26, ‘Tha an Spiorad fhèin a deanamh còmhnaidh le ur nanfhainneachd: oir chan aithne dhuinn ciod a ghuidheamaid mar bu choir dhuinn; ach tha an Spiorad fhèin a deanamh eadar-ghuidhe air ar son le osnaidhean do-labhairt’. Tha an t-abstol a sgriobhadh tre mhòran earrannan anns a chaibtail seo mar tha laigseachan den t-seorsa-sa air an co-cheangal ris a Chriosdaidh mar a chì sinn mar eiseamplair, 31mh. Earrann; ‘Co a dh’fhaodas a bhi na ur n’ aghaidh’? Chi sinn a rithis anns an 33mh earrann; ‘Cò a chuireas coire sam bith as leth daoine taghta Dhè?’Agus a rithis anns an 34mh earrann; ‘Cò a dhìteas?’ Nach math gu bheil ceisd eile air a thogail mar a tha againn anns an tiotal; Cò a sgaras sinn o ghràdh Chriosd? Dh’ainndeoin is na chuireadh daoine ma ar coinneimh, seall an comhfhurtachd a tha air a chuir a dh’ionnsuigh clann Dhè anns an 36mh earrann; ‘Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’toirt tuilleadh agus buaidh, tridsan a ghràdhaich sinn’. Ma tha thu a’leughadh nam briathran so an diugh am bheil dòchas air do shiubhail fhèin agus thu air do dheanamh tearuinte ann an gràdh Chriosd? Isaiah 26.3,4
Tha an dà earrann a thog sinn a toirt dhuinn sealladh agus tuigse air creideamh agus air mar a dh’fheumas sinne greimeachadh air a leithid sin ma tha ‘ur beatha spioradail gu bhi air bun-steidh na fìrinn. Tha sinn uile dualach gu bhi fulang aig amannan le mi-chreideamh agus ‘se an t-adhbhar gu bheil sinn a’ claonadh bhon an t-slighe agus a coimhid air adhart na ‘ur suilean fhein. Co againn ‘s urrain a ràdh gu bheil sinn bèo ann an sìth iomlan agus a dol air adhart ann an earbsa anns an Tighearna? Tha e cho fìor gu feum sinn a bhi feitheamh air an Tighearna ma tha sinn gu bhi sasuichte agus riaraichte na ur beatha. Nacheil an ceann-teagaisg ag radh gu feum sinn a bhi le ‘ur n’inntinn suidhichte air cuspair ‘ur dòchais agus air an adhbhar sin gun glèidh sinn an dàimh sin ris-san. Am bheil do bheatha fhein a toirt dealbh air sìth iomlan agus gu bheil earbs agad as an Tighearna? Am bheil thu a deanamh gairdeacheas anns an Tighearna agus ag aithneachadh fois ‘na do bheatha nach eil ri fhaotainn ach bhon an Tighearna a mhainn? Tha am focal ‘creideamh’ a ciallachadh, beathachadh air an Tighearna. Ma tha sinn ri bhi beathachadh air an Tighearna feumaidh sinn sin a dheanamh gu cunbhalach. A coimhid air Criosd, ceannard agus fear-criochnachaidh ‘ur creideamh Nach mòr a bhuannachd a tha aig sluagh an Tighearna. Gum bitheamaid a gleidheadh ‘ur n’ aite aig stòl a choise-sa. Ieremiah 8.20
Tha iomadh foghar agus samhradh air a dhol seachad do mhòran neach agus briathran an fhàidh a sior labhairt a mach riuthe mu shiorruidheachd agus latha ‘m bais. Dh’fhaodadh seo a bhi fìor mu’d thimcheall fhein agus ma tha sin fìor mu’d thimcheall fhein nach eagalach gu firinneach do shuidheachadh. ‘S e àm airson fein-sgrùdadh a tha ann an crioch bliadhna sam bi agus a rithis aig toiseach bliadhna eile. Anns an earrann a thogadh tha am fàidh a deanadh caoidh airson suidheachadh nan Iudhaich agus thog e breithaneasan fa’n comhair ga’n cuir ann am faicail ma’s e gun lean iad na’n cuil-shleamhnachaidh. Tha e a toirt dealbh air bàs an àingidh agus a bhuaidh a bha aige seo air le dubh-bhròn air tighinn na bheatha agus uabhainn air a ghlacadh. Tha e a cuir na ceist riuthe: “nacheil ioc-shlaint ann an Gilead? Nacheil leigh an sin? Carson ma ta, nacheil slainte air a h-aiseag do nighinn mo shluaigh-sa?” Tha sinn air mòran fhòghlam anns a bhliadhna a dh’fhalbh agus a rithis a measg ‘ur co-cheutairean chuala sinn mu shuidhichidhean bàsmhor ris nach ro dùil againn. A dh’aindeoin’s na chluinneas neo thachras rinn na ur beatha tha aineolas agus greim a pheacaidh a sìor mheudachadh agus a mealadh mhòran a dh’ionnsaigh latha ur bàis. Tha feadhain ann gu ta a tha coimhead air mhodh eile agus a tha greimeachadh air dòchas aig am bi a chrìoch, a bheatha mhaireannach. Tha iadsan air an glùin a lùbadh do’n Tighearna agus am peacaidhean air a maitheadh dhoibh. Tha Crìosd na fhear-saoraidh aca. Nach prìseil dòchas! Nach b’fhearr do gach aon againne ‘ur suidheachadh a chuir ann an làmhan an Fhear-saoraidh agus gum bitheadh sinn anns a bhliadhna seo a coimhead air adhart trè shuilean a dh’ionnsaigh beatha. Na leig le foghar neo samhradh eile a dhol seachad gun do ghlùin-sa a lùbadh a chum an dòchais seo. Salm 39.12
Tha an earrann seo agus mòran earrannan eile anns na sailm air an cleachdadh mar bhunait urnaigh aig iomadach neach a nuas tre na ginealachdan agus tha e furasda a thuigsinn carson a bhitheadh e mar sin. Tha mi ag radh ‘furasda’ ach ‘s dòcha nacheil e cho furasda sin anns an latha anns am bheil sinne bèo agus cho beag speis air a’thoirt do dh’fhocal a Chruthaidhear. Cha be sin a bhiodh am follais ann an lìnn an t-salmaidh agus àite air a thoirt dhan fhìrinn aig a mhòr-chuid, sean agus òg. Bha iad beo an eisimeil Dhè agus an crochadh air airson fuasgladh a thoirt dhoibh a mach a suidhichidhean doirbhe. An uair a bhiodh iad ann an diobhail misnich b’e urnaigh a chleachdadh iad anns a chiad àite agus iad a cleachdadh briathran anns an robh dàimh shonraichte air aithneachadh anns an urnaigh. Bha iad mar gum biodh iad a blasad air milseachd Dhè agus air a cheartas agus iad a lan-chreidsinn gun robh fuasgladh aige dhoibh. Faic mar a bha iad ag iarraidh gun cluinneadh Dia an urnaighean agus an glaodh. Bha iad a rithis a tagradh ris gum faiceadh E an deoir. Tha sinn ri chreidsinn gun robh an cleachdadh seo cho beo do gach sluagh. B’e seo an doigh beatha agus laitheil a bha ri fhaicinn. Cha chluinn sinne moran dhen seo a gabhail aite. Tha sinn a faicinnn cùl air a chuir ris gach ni a bhuineas don Bhioball agus do nithean Dhè. Tha e cho fior na’r latha-ne gu bheil iomadh trioblaid agus suidhichidhean doirbhe na’r measg. Tha e air aithneachadh anainn gu bheil gach duine a deanamh mar a tha e fhein ag iarraidh agus mar nach biodh Dia idir ann. Am bi thu fhein ag urnaigh? Am bi thu a smaoineachadh air Dia? An do chuir thu èolas air fhathast? Cuimhnich gu bheil slighe na h-urnaigh fosgailte dhuinn fhathast agus gun eisd Dia ri urnaigh nam bochd. 2 Corintianach 7.15
Tha an t-abstoil Pòl ag earalachadh eaglais nan Corintianaich chum gum biodh iad a leantainn ri caithe-beatha iomchuidh agus an seasmhachd ‘sa chreideamh. An cois seo, tha e togail aon ni sonraichte a tha ri fhaicinn gu follaiseach na measg; se sin, ‘ùmhlachd’. Tha ùmhlachd cho cudthromach ann am beatha Chrìosdaidh oir tha an dàimh ri Crìosd air a’ stèidhachadh air a bhunait seo. Chi sinn eiseamplairean dhen seo air a’ shealltainn dhuinn anns na sgriobtairean, agus togaidh sinn dhà dhiubh airson mìneachadh a’ dheanamh air a chuspair. Tha sinn a leughadh ann an soisgeul Lucais 10.38-42 mu thimchioll Marta agus Muire agus an t-eadar-dhealachadh a’ bha ri fhaicinn anntasan mu thimchioll an Tighearna Iosa Crìosd an uair a thadhail E air an dachaidh. Bha Marta cho cùramach mu thimchioll frithealadh ach shuidh Muire sìos aig casan Chrìosd agus I ag èisdachd ri fhocail. “Se seo a bha cudthromach do Mhuire agus bha umhlachd gu cinntach a gabhail àite an seo. Bha miann agus ocras air Muire airson focal an Tighearna agus bha e na bhiadh agus na bheatha dhith mar an ceudna. Bha umhlachd air a dheanamh follaisach do chuspair a dòchais. Chi sinn eiseamplair eile ann an leabhar Rut 3.7 far an robh Rut a luidhe sìos aig casan Bhoais. Bha Boas air a mheas mar ‘fhear- daimh’ anns an teaghlach aig Elimelech agus be esan a bha Rut a dol a phòsadh. Bha e na dhleasdaneas aig an àm sin gum be fear-dàimh a mhainn a’ dh’fhaodadh a pòsadh. Sheall ise ùmhlachd do Bhoas mar a bhiodh iomchuidh Bha I a’ gabhail a h-àite fhein aig a chasan. Tha sinne cuideachd ri bhi toirt ùmhlachd do Chrìosd agus ri bhi luidhe sios aig a chasan ann an ùmhlachd dha ainm agus mar Shlànuighear. Tha e mar dhleasdaneas oirnne a bhi meudachadh ‘ur ‘n èolas agus bhur dàimh rissan oir is E ‘ur dòchas agus ‘s ann annsan a tha ‘ur bith agus ‘ur beatha agus ‘ur n-uile chomasean-gluasaid. 2 Thimoteuis 3.16,17
Tha an dà earrann seo air a’ meas cho cudromach ann an beatha Chrìosdaidh chionn’s gu bheil bunait an dòchais air a’ steidheachadh annta. Tha iad nan adhbhar dhearbh-chinnt dhuinn gu bheil focal an Tighearna seasmhach agus gu faod sinn bhur ‘n uile dhòchas a chuir ann. Tha sinn na’r latha a’ cluinnntinn a mhòr-shluaigh air feadh an tsaoghail ag oidhirpeachadh air focal an Tighearna a’chuir fo’n cas agus a’ chuir a mach a bith. Eisdidh iad gu toilichte ri luchd-saidheans agus gabhaidh iad cho furasda ri an cuid feallsanachd. Nach math gun urrainn dhuinne greimachadh air na h-earrannan seo agus a’ thuigsinn gu bheil iad air an deachdadh le Spiorad Dhè, chum ‘s gum bi sinne a’ sealbhachadh an tairbhe a ri fhaotainn bhuaidhe. Tha na h-earrannan seo a’ cuir ris an t-saorsa a tha againne ann an focal an Tighearna. Tha iad ag innse dhuinn gu bheil teagasg nan sgriobtuir iomlan agus nach eil teagamh ri bhi air a’ chuir ann. Tha Dia ag aithneachadh laigse an duine agus mar a tha e cho tric a’ claonadh bho’n t-slighe cheart. Air an adhbhar sin tha na Sgriobtuir cho freagarrach dhuinn chum spreige agus leasachaidh. Nach math dhuinn cuideachd gu bheil Dia g’ar oileinachadh anns an fhirinn fad ‘ur beatha spioradail agus sin chum a gloire fhein. Tha adhbhair fhein aig Dia air gach ni a tha e deanamh dhuinn ach ‘se a ni a tha cudromach mar a tha na h-earrannan a co-dhùnadh: “chum gum bi òglach Dhè coimhlionnta, làn deas chum uile dheadh oibre.” ‘Cuir-sa do dhòchas ann an Dia Is deanar maitheas leat, Mar sin sior-mhealaidh tu an tìr ‘s beathaichear thu gu beachd. Eoin 16.33
Chaneil a h-uile duine a’ tuigsinn an fhocal sìth leis an aon tuigse agus tha sinn dualach a bhi ag atharrachadh ciall agus brìgh an fhocail chum is gum bi e a’ co-fhreagradh ri ar n’iarrtuisan fhein. Tha an t-abstoil a’ togail dhuinn anns a chaibtil mar a tha an Tighearna Iosa Criosd a’ toirt comhfhurtachd do na deisciobail mu thimcheall sìth an Spioraid Naoimh. Tha e ag innseadh dhuinn nacheil an saoghal comasach air sìth a’ thoirt dhuinn ach a mhain trioblaid agus àmhghairean agus gu feum sinn ‘ur suil a’ thogail a dh’ionnsuigh cuspair na sìth, eadhon ur Tighearn Iosa Criosd. Nach prìseil dhuinn uile gu bheil an stiuireadh so air a’chuir fa ‘ur comhair chum is gun deanamaid a ni a tha femail dhuinn; ‘ur gluin a’ lùbadh fa chomhair-san. Tha an ceann-teagaisg a cuir soilleirachd air an so dhuinn. Nach eil e ag ràdh, “gum bitheadh sìth agaibh annam-sa’. Tha so ag innseadh nach eil sìth ach ri bhi air a’ faotainn annsan a mhain. Tha an saoghal anns a bheil sinn beo a’ cuir ris gach trioblaid agus amhghair a tha sinn a’coinneacheadh ris air slighe na beatha. Dh’fhaodamaid a’radh gu bheil an saoghal ag oibreachadh an aghaidh a ni a tha an sgriobtuir ag radh mu thimcheall na sìth a tha ann an Criosd. Carson mar sin nach toir sinn suil oirnn fhein agus cunntas a’ ghabhail air cuideam ar n’uallaichean, ar trioblaidean agus amhghairean agus greim a dheanamh air focail-misneachaidh Chriosd far a bheil e ag radh mu dheidhinn a leithid so; “ach bitheadh deadh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t-saoghal”. Am bheil sìth an spioraid ri aithneacheadh annad fhein? Tha sinn ri leughadh anns an t-soisgeil so cuideachd ann an Eoin 14.27, “tha mi fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi toirt dhuibh, chan ann mar a bheir an saoghal, a tha mise toirt dhuibh. Na bitheadh bhur cridhe fo thrioblaid, agus na bitheadh eagal air. Gun ro tomhas sìth air a thoirt dhuit-sa mar an ceudna. Hosea 10.12
Is iomadh atharachadh agus caochladh ris an coinnich sinn na ur beatha agus gun sinn a toirt fainear air a bhuaidh a dh’fhaodadh seo a’ thoirt mun cuairt. Cò againn as urrainn a radh gu bheil sinn deiseal airson coinneachadh ris a leithid. Chaneil eadar-dhealachadh sam bi eadar aois neo òige nuair a thig tachartas air bi mun cuairt. Bi a bhuile air fhaireachdainn gu cruaidh ge be cò sinn. Tha sinn a dol roimh ‘ur beatha is gun ullachadh ga dheanamh. Tha an earrann a tha againn anns a cheann-teagaisg a cuir an ceill gu sìmplidh an aon teachdaireachd agus a’ toirt earail do gach aon a bhi coimhead ri ullachachadh a dheanamh na bheatha. Tha an teachdaireachd fìor agus freagarrach do shean agus òg. Tha sealladh air a’ thoirt dhuinn gu nadarra gach uair a chi sinn an t-Earrach a tighinn timcheall. Tha freasdal Dhè ag ullachadh eadhon ìre fas nan flùrichean chum is gu fosgail iad aig an àm ordaichte agus nach fhaod sinne a bhi fo iongantas sam bi gun do thachair e. Tha an fhìrinn a’ cuir an ceill dhuinn gu bheil an Tighearna a’ labhairt ruinn gu bheil àm air ullachadh dhuinne cuideachd ged a tha an tàm seo air fholach bhuainn.. Tha an fhìrinn ag innseadh dhuinnn agus a cuir ìmpidh oirnn, feum a dheanamh de latha a chothrom agus na slainte. Chaneil fios againn air an latha anns an gairm an Tighearna sinn gu ‘ur dachaigh bhuan. Tha mios na Giblein a tighinn dluth agus tha sinn ri thuigsinn gu bheil an tainm a ciallachadh, ‘fosgladh’. Tha cheisd ri fhaighneachd don na huile; am bheil sinne fosgailte ris an fhocail a tha ‘g innse dhuinn mu thimcheall suidheachadh ‘ur ‘n anam agus mar a dh’fheumas sinn a bhi tearuinte anns an Tighearna? Nach biodh e math gum biodh sean agus òg a sireadh cuspair dòchais agus gràdh a bheireadh fois agus sìth nam beatha shiorruidh. Ephesianach 3.14,15
Tha mhòr-chuid againn le bhur smuaintean fhein aig crioch bliadhna agus tòiseachadh te eile. Cha bu choir gum biodh so na ìognadh mòr sam bi oirnn oir tha iomadh tachartas a’ coinneachadh rinn a’ ghluaiseas sinn gu bhi brethnachadh air cuspairean domhain agus dh’fhaoide pearsanta. Nach tric a’ chluinneas sinn a bhuaidh a’ nochdas bho smuainteanan rannsachail agus siubhlach. Tha an t-abstoil Pòl ann an doigh a’ cleachdadh a smuaintean fhein anns a cheann-teagaisg. Tha e sgriobhadh a’ dh’ionnsaigh na Ephesianich agus gan earalachadh gu brethnachadh air an suidheachadh spioradail chum is gun cuireadh iad cothromachd nam beatha. Tha e togail dhuinne mar a dh’fheumas sinne aite a’ thoirt do chuspair bhur dòchais agus le taingealachd cridhe gun lùbadh sinn ur glùin fa chomhair-san a chuireas cothromachd na ur beatha-na a bhitheas chum ur maith. Fhuair mi suil air leabhar an Urramaich Thormaid Mhic Suain nach maireann agus se ‘Taingealachd agus Dòchas’ tiotal an leabhair. Tha an tiotal mar chomharra air na briathran a thogadh e cho tric nuair a bhiodh e measg dhaoine agus a smuain cho tric air cuspair a ghraidh. Bha a shùil a’ coimhead air ais agus bha e air a’ ghluasad le taingealachd nuair a’ chitheadh e maitheas an Tighearna dha thaobh. Nach math gur ann mar seo a bha. Ach nach math buileach gun ro e coimhead air adhart ris an Tighearna agus gun ro e greimachadh air dòchas. An dòchas a’ sheasas; an dòchas a tha aig sluagh an Tighearna a tha lùbadh an gluin do chuspair an gràdh-san. Dè mar a tha fhein gu bhi brethnachadh air an bhliadhna a tha sinn ri cuir cùl agus an te ùr a tha ri tòiseachadh? An tug thusa taing agus am bheil thu dol air adhart le dòchas? 1 Eoin 4.7
Tha gach aon a tha air a meas mar Chriosdaidh air an toirt beo le Criosd agus air an seulachadh na ghràdhsan gu siorruidh. Chaneil ni ann a tha cho prìseil do mhac an duine na bhi air a shaoradh bho chuibhrichean a pheacaidh agus air a bhi air a chuir air bunait a tha làn dòchas agus tearuinteachd maireannach. Tha gràdh Chriosd air a chomharrachadh anns gach Chriosdaidh agus bhiodh e iomchuidh gun seasadh seo amach a measg sluagh an Tighearna. Anns a cheud aite tha creidimh a toirt coimeas don anam a bhi ‘g radh comhla ris an abstol; tha gràdh againne dhàsan, do bhrigh gu’n do ghàdhaich esan sinne an toiseach’. Is e cheisd dhuinne an diugh; am bheil an gràdh seo air fhoillseachadh na bhur caithe-beatha-ne? Tha e mar fhiachaibh oirnn mar Chriosdaidhean gu bhi deanadh ‘ur dleasdanas air taobh an Tighearna agus gu bhi sealltainn don t-saoghal gur ann leis-san sinn. Nuair a chi sinn clann bheag a faighinn tiodhlac air an co-latha breith chi sinn an toileacheas a tha unnta chionns gun d’fhuair iad an tiodhlac a bha iad a miannachadh airson uine cho fada. Ni iad gairdeachas cho mòr agus tha iad airson innse do’n h-uile dhaoine. Nach bu choir do’n Chriosdaidh gairdeachas a dheanadh a huile latha dhe bheatha-san chionns gu bheil a thiodhlac-san bho Righ na Glòire agus cho luachmhòr dha na phearsa, ‘s na bheatha agus gu sonraichte na chreidimh. Cuimhnicheamaid nach e gràdh abhaisteach a tha seo idir ach gràdh Chriosd a tha air a sheulachadh na chloinn agus aig am bheil a chrioch a bheatha mhaireannach. Marc 8.36
Tha na briathran seo bho ‘ur Tighearna Iosa Criosd air an labhairt airson adhbhar sonraichte do gach duine a tha beo, chum is gun toir iad fainear cho cudthromach ‘s a tha suidheachadh an anam fa chomhair latha a bhais. ‘S e briathran a th’ann ris nach fhaod duine sam bi cùl a chuir agus gu sonraichte fa comhair fhein, feadh ‘s a tha e a dol troimh bheatha. Tha sinn beo ann an saoghal far am bheil sinn a coimhead air “de a tha ann dhòmhsa agus de na’s urrainn dhomh fhaighinn as”. Mar a tha an sean-fhocal ag radh, ‘mar is motha gheibh, ‘s ann as motha a dh’iarrar’. Tha seo anns an duine gu nadarra agus air an adhbhar sin chaneil a shùil air nithean an spioraid. Tha Criosd a cuir na ceisd seo rinn uile chum is gun beachdaich sinn air crioch ‘ur turas anns a bheatha seo. Tha e ‘g innseadh dhuinn nach eil beartas an t-saoghail a dol a thearnadh anam duine sam bi agus air an adhbhar sin gum bu chor dhuinn coimhead ri staid ‘ur n’anam agus a cheisd a chuir rinn fhein–cait’ a bheil m’anamsa air latha mo bhàis agus fa chomhair na siorruidheachd. Nacheil an Tighearna a deanamh gu soilleir dhuinn agus a cuir ìmpidh ortsa agus ormsa a bhi ‘g iarraidh a bhi tighinn da ionnsuigh-sa ann an urnaigh, airson trocair dha ‘ur n’anam mas bi e ro anamoch. Carson a dh’fhagadh tu ni cho cudthromach seo gun choimhead ris. Feuch gun stad thu airson mionaid bheag airson suil a thoirt air do shuidheachadh fhein. De a tha thu suileachadh ris an uair a thig ceann do thuras? Bheil thu coimhead ri duthaich as fhearr, eadhon duthaich nèamhaidh? Cuimhnich gun tainig sinn a steach dhan t-saoghal lòm agus falamh agus gu cinnteach cha toir sinn ni air bi a mach leinn. 1 Tesalonianach 5.25
Tha an t-abstol a cuir ìmpidh air an eaglais ann an Tesalonica gu bhi dol air adhart ann an neart dochais agus creideamh anns an Tighearna agus a toirt seachad iomadh comhairle air mar bu choir iad iad fhein a ghiulan anns a chreideamh. Chaneil e a dichuimhneachadh air innse dhaibh air mar a tha e gan toirt a dh’ionnsaigh caithir gràis an Tighearna gach là. Is e ni cudthromach a tha seo dhuinn uile gum bi daoine treibhdhireach a cuimhneachadh oirnn anns an t-seadh seo. Tha an t-abstol a sealltainn dhuinn cuideachd gu bheil e fhein agus a bhràithrean anns a mhinistrealachd a cuir feum shonraichte air gum bi sinne a cuimhneachadh orra-san anns an obair a tha iadsan ris air taobh an Tighearna. Tha e mar gum biodh e a toirt am follais nan Tesalonianaich air cho fior chudthromach sa tha an saothair air taobh an Tighearna. Air an adhbhar sin tha e ag radh, “a bhràithre, deanaibh urnaigh air bhur son-ne”. Se soirbheachadh ann am beatha spioradail an t-sluaigh a tha faighinn priomh aite na shaothair oir tha seo chum cliu agus gloir an Tighearna. Am bheil mise agus thusa mothachail air a bhi cuimhneachadh air ministearan bhur latha-ne agus air a bhi gan cumail suas aig caithir gràis an Tighearna. Tha e cho cudthomach dhuinne gum bi sinn a deanaibh seo nuair a chi sinn suidheachadh an t-saoghail mun cuairt oirnn agus mar a tha peacadh a faighinn greim ann an cridheachan dhaoine. Nuair a chi sinn dol air adhart ar riaghaltais a cuir reachdan ùr air chois a tha dol gu cinnteach an aghaidh focal an Tighearna. Nithean a tha nan grainealachd dha. Gun cuireadh sinne ìmpidh air sluagh bhur latha-ne a bhi cuimhneachadh a cheile ann an urnaigh ach go sonraichte ministeran an t-soisgeul aig am bheil uallaichean tròm ar coir spioradail. Salm 66.20
N’uair a bheir sinn sùil air ais agus a dhlùth-choimheadas sinn air brìgh nan urnaighean a tha sinn a’ cuir suas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bu choir gun cuireadh e iongantas oirnn gun do dh’eisd e idir rinn. Tha mi toirt an chuspair seo fa chomhair an luchd-leughaidh chum is gun faic sinn nacheil sinn cho dùrachdach aig amannan’sa bu chor dhuinn nuair a thig e gu modhannan spioradail air slighe na h-urnaigh. Feumaidh sinn aideachadh gu bheil ‘ur n’urnaighean glè fhuar agus nacheil sinn cho leagailte sa bu chor dhuinn nuair a thig e gu dè an uine a tha sinn a’ cuir seachad ann an urnaigh. Tha saoghal a brùthadh a steach oirnn eadhon aig na h-amannan prìseil seo agus ma tha sinn a seasamh gu ceart air taobh an Tighearna, cuiridh seo gu smaoineachadh sinn agus bi sinn ri caoidh ‘ur beag-cheangal agus dùrachd ri ur Dia agus ur co-chomunn ris. Tha ur n’iarrtuisean air fàs cho fann agus cho ainneamh. Dh’ainndeoin’s mar a tha sinn ga ‘ur giulan fhein air slighe na hurnaigh tha Dia a toirt cluais-eisdeachd dhuinn. Nach math gu bheil E na Dhia a tha tròcairach, fad-fhulangach agus na Dhia a tha tuigsinn truaghain bhochd mar tha sinne. ‘Se gum faigheamaid air ais dhan aite sin far an do chuir sinn eolas air ann an irioslachd,umhlachd creidimh agus dòchas. Gum bitheamaid mar a bha Iacoib agus e a gleac ris an aingeal aig Peniel agus e ag radh; “cha leig mi air falbh thu mur beannaich thu mi”. Feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil Dia gun atharrachadh neo gun sgaile tionndaidh maille ris. Tha e an aon Ti an de, an diugh agus gu siorraidh.Tha sinne a cuir feum air a bhi sior dluthachadh ri Dia agus a bhi dluth-leantainn ris na’r caithe-beatha agus a bhi taingeil gum faod sinn a radh nach do thionndaidh E ur n’ urnaigh uaithe agus a thròcair uamsa. Gun robh sinn a blasad air mor-bheannachd an Tighearna uair eile na ur beatha agus a bhi tabhart cliu agus buidheacheas dha airson a chothrom a tha againn air sligh na hurnaigh. 2 Corintianach 7.6
Nach ann aig an abstol Pòl a tha na briathran freagarrach do na Corintianaich an uair a fhuair iad iad fhein ann an doilgheas inntinn agus spioraid as deidh na litir a chuir e da ‘n ionnsaigh airson stiuireadh agus earail a thoirt dhaibh. Thog e fa’n comhair cho fialaidh ‘s a choinnich iad ris agus a rithis meud a ghraidh da’n taobh. Chuir e an ceill an t- aoibhneas a bha na chridhe nuair a bheachdaich e air an doigh anns an do làimhsich iad an suidheachadh le bròn diadhaidh agus nach ann le fearg neo le droch rùn. Tha sinne dualach aig amanan, an uair a tha sinn a faighinn comhairle bho neach, gur ann a choimheadeas sinn ri ar co-cheutairean airson comhfhurtach aig àm mar seo. Tha sinn a faicinn anns an earrann gu bheil Pòl a toirt dhuinn sealladh air cò e anns a bheil esan a faotainn comhfhurtachd. Tha e ag innse dhuinn gu bheil Dia a coinneachadh ri ‘ur feuman nuair a tha sinn air bhur leagadh sios. Gu bheil Dia a toirt comhurtachd dhuinn. Tha a chomhurtachd seo air a meas mar chomhurtachd thar comhurtachdan eile. Nach iomadh uair a tha sinn air bhur leagadh sìos agus nach fhaigh sinn fuasgladh bhuaidhe bho chomhurtachd ur caraidean neo ni air bi eile. Tha seo a cuir na ‘ur cuimhne mu shuidheacheadh Iòb. A dh’ainndeoins na bha a chairdean a tabhart dha de chuideachadh cha robh aon a dol a thighinn suas ri cuideacheach agus comhfhurtachd an Tighearna “S e Dia an Uile- Chomhfhurtair.” Co ‘s coimeas ris? Am bheil thu fhein a coinnneachadh ri sàruchadh na do bheatha agus a faireachdainn nach ‘eil fuasgladh sam bi air do shuidheachadh ged a fhuair thu gach uile chuideachadh bho iomadh duine agus sin le deagh rùn. Do smaoinich thu fhein gu bheil thu fhathast a’ coimhead airson do chuideachadh agus do chomhfhurtach anns an aite chearr. Tha Dia na chomhfhurtair dhaibhsan a tha air an leagadh sìos. Nach cuir thusa do dhòchas annsa. Salm 71.16
Nach iomadh còmhstri agus deasbad a chuala sinn a ghabh aite anns a bhliadhna a chaidh seachad, aig ìre ionadail agus nàiseanta. Faodaidh sinn a radh nach ro seo na ìoghnadh mòr sam bith dhuinn oir tha an aon ni a tachairt gach bliadhna a tha dol seachad. Tha gach duine ag iarraidh gum biodh a bheachdsan air a thogail agus air a chleachdadh ann an codhunaidhean cudthromach agus gun dragh sam bith gu dè th’aig duine eile ri radh. Tha seo air fhaicinn mar shaorsa a tha aig an duine anns an tsaoghal dheamocrataigeach anns a bheil sinn beo. A dh’ainndeoin seo tha e cho follaiseach dhuinn uile nach eil smachd neo cothromachd ri fhaicinn aig ìre riaghaltais ar dùthcha neo aig ìre ionadail neo eadhon anns an teaghlach. Tha sinn beo ann an saoghal far a bheil moraltachd air ruith air falbh bhuainn agus na aite seasaidh ni sam bith. Tha sinn air cùl a chuir ri prionnsabail. Bha an latha ann far an robh am bioball air a chleachdadh na leabhar stiùiridh ar beatha ach tha sinn an diugh a buain an ni a chuir sinn agus air a shailleabh sin chaneil toileacheas neo sìth ri fhaicinn ach a mhainn mi-rùn is mi-rian aig gach ìre. Anns na sgriobtairean bì sinn a cuimhneachadh air a mhi-rian a bha gabhail aite aig an àm anns nach ro righ an Israeil agus an t-aite air a riaghladh agus air a ruith le breitheamhan. Dè bha daoine a deanadh aig an àm sin? Bha iad a deanadh a ni a bha iad fhein ag iarraidh. Na nithean a bha iad a faicinn ceart nan suilean fhein. Gus an till sinn a dh’ionnsaigh stiùireadh bunaiteach na Fìrinn bì sinn a sior dhol fodha ann an suidheacheadh anns nach fhaigh sinn toileacheas inntinn sam bith. Cha ghabh sinn sàsuchadh. Nach eil an t-àm air tighinn anns a faca sinn gu leor a tha sealltainn dhuinn nach eil sinn idir air an tslighe cheart. Bhòid an salmaidh anns a cheann-teagaisg gun biodh esan a dol air adhart ann an neart an Tighearna anns a faigh e stiùireadh trè fhocalsan. Colosianach 3.23
Tha an t-abstol ag earalachadh na Colosianaich gu bhi coimhid ris an Tighearn anns gach seadh dhe beatha agus a toirt dhaibh comhairle air mar a dh’fheumas iad iad fhein a ghiulan anns an tslighe. Tha adhbhar airson seo agus tha an t-adhbhar freagarrach dhuinne cuideachd na ‘ur latha-ne. Feumaidh sinn a bhi cuimhneachadh air mar a tha an peacadh cho furasda ag iadhadh annainn agus gu bheil nàmhaid ar n’anam ga’r n’iarraidh dha fhein. Nach biodh e furasda gu leor dhuinn a thuigsinn ma tha sinn ag imeachd fo riaghladh an t-Sàtain gu bheil sinn a sior tharraing air falbh bho Chriosd. Tha Pòl a cuir an geill dhuinn gu feum seo atharrachadh ma tha sinn a dol a shealbhachadh duais na h-Oighreachd. Tha e ag radh ris na Colosianaich gu feum an t-atharrachadh a bhi ri chomhlionadh anns gach ni a tha e a deanadh. Gach “ni a ni sibh.” Feumaidh ar suil a bhi air Criosd agus gach smuain a bhi airsan. Feumaidh ar cridhe a bhi anns gach ni a ni sinn agus Criosd a bhi aig bun gach ni ris an cuir sinn làmh. Tha e cho dualach dhuinn ri bhi coimhid ri ar cochreutairean anns na ni sinn agus gum bi sinn gu ìre choireigin ag iarraidh iadsan a riarachadh. Tha seo a dol dìreach an aghaidh comhairle an abstoil. Tha sinn a sior dhlùthachadh ri deireadh bliadhna eile agus bhiodh e glè ìomchuidh nan toireadh sinn uile suil air ar dàimh ri Criosd agus a cheist a chuir rinn fhein: Fa chomhair na siorraidhachd agus staid m’anam, de an duais a tha mise a dol a shealbhachadh? Am bheil thu fhein a comhid ri Criosd neo bheil thu fhathast a deanadh na nithean sin nach toir dòchas sam bith dhuit? Biodh e bho do chridhe. Salm 119.103
Tha an salm so sonraichte leis a mhòr-chuid a chuir eolas air sailm Dhaibhidh agus a tha meas focal an Tighearna mar bhun-steidh nam beatha. Nuair a leughas sinn an t-earrann so dhen t-salm chi sinn cho soilleir mar a bha an salmaidh a cleachdadh focal an Tighearna mar suspainnt gliocais na imeachd laitheil. Tha e ag innse dhuinn gur ionmhuinn leis lagh agus àitheantan an Tighearna a tha toirt dha gach gliocas agus cothrom gu bhi dol air adhart. Tha focal Dhè na bhunait aige anns gach cuspair dhe bheatha. Seall mar a tha ag radh anns 99mh earrann; “oir is iad do theisteas mo chùis-smuaineachaidh”. Abair dàimh ri Chruthaidhair! An urrainn dhuitsa agus dhomhsa faighinn a steach don aite sin ri’r Dia agus ri Fhocal? Tha an salmaidh a cleachdadh dhuinn mìlseachd na mil mar shamhladh air an aite shonraichte a tha e fhein ri fhaoitinn na dhàimh ri Dia. Tha fios againn uile air cho milis ‘s a tha mil agus cho deidheil ‘s a tha sinn air. Tha an salmaidh a toirt tarruing a bharrachd a steach do ur tuigse leis an t-samhladh so agus is e sin: an tlachd agus an toileacheas a bha aige do dh’fhocail an Tighearna agus mar a dhearbh e sin na bheatha gu cunbhalach. Nach ann mar sin a bu choir dhomhsa agus dhuitsa bhi meas Focal an Tighearna chum is gum biodh ur beatha air a riaghladh ann an seasmhachd an Tighearna. Gum biodh na briathran sin a toirt dhuinne a leithid sin do thoileacheas agus gu measadh sinne teisteis an Tighearna mar ‘ur cuis-smuaineachaidh. Sheumais 1.5
Am bheil e fior mu do thimchioll fhein gu bheil amannan na do bheatha far am bi thu a stad agus a toirt beachd air do shuidheachadh gus am faic thu am bheil thu soirbheachadh na do shlighe gu ruige an t-am seo? S’ docha gum bi faireachdaidhean agad gum bheil laigse neo failneachadh na do bheatha a tha cuir bachdadh ort a bhi dol air adhart mar a dh’iarradh tu. Dh’fhaodadh e bhi gu bheil thu mothachail air bearn nad do bheatha ris am bheil thu cogadh gach là agus a dh’aindeoin’s gach adharp a ni thu, tha e coinneachadh riut gach madainn agus a leantainn riut fad an latha. Saoil de’s aobhar do na tha seo? An tug thu mionaid bheag air beachdachadh air an uireasbhuidh as motha a tha oirnn? Tha mi a bruidhinn mu dheidhinn suidheachadh ar n’anam agus an t-àm a tha air thoiseach oirnn uile. An t-àm a tha toirt a steach taobh de ur beatha nach eil ach glè bheag a toirt fainear air cho fìor chudthromach s’ a tha e. Nach biodh e math do gach aon againn coimhead air an uireasbhuidh a tha ceangailte rinn uile; cho beag luach ‘s a tha sinn a cuir air staid ur n’anam agus air an t-siorruidheachd mhòr fhada a tha air thoiseach oirnn. Carson a tha sinn a coimhead cho mòr ri soirbheachadh anns a bheatha seo agus gun speis a bhi againn ris an am ri teachd? Bheil thu fhein a smaoineachadh gu bheil sinn a dh’uireasbhuidh gliocais agus gur e seo a tha ga’r fàgail cho mì-shona na’r beatha? Tha sinn mar gum bitheamaid a tighinn suas ri freagartan airson gach uireasbhuidh a bhitheas oirnn agus gun e deanadh am feum a bhitheas sinn ri suileachadh. Nach biodh e freagarrach dhomhsa agus dhuitsa, ùine chuir seachad ann a bhi sireadh gliocas bhon Tighearna agus an tuilleadh luach a chuir air ar feuman spioradail a choinnicheas ris an àm a tha lathair agus an t-àm a tha ri teachd. Sechariah 13.1
Nach tric a chi sinn anns na sgriobtuirean, nithean sìmplidh air an cleachdadh airson dealbh agus soilleireachd a’ chuir air cuspairean a tha cho cudthromach dhuinn. Tha sinn a’faicinn anns a chaibiteil seo mar a tha an Tighearna a’ cuir an ceill dhuinn bhur sudheachadh nuair a thig e gu feumalachdan ‘ur n’anam. Anns a cheud aite tha am focal “tobar,” air a chomharrachadh dhuinn a’ chionn’s gun robh eolas aig muinntir an ama sin air cho feumail s’a bha e dhoibh na beatha agus mar a bha an tobar a coinneachadh ri a feuman bunaiteach mar, uisge airson òl agus ullachadh bidhe. Tha an ceann-teagaisg a’ sealladh dhuinn ni eile tha cudthromach do gach aon againn: se sin, gu bheil sinn neòghlan agus sin air sgàth a’ pheacaidh a tha ann an cridhe gach neach. Tha a’chaibiteil seo gu leir a cuir fa ‘ur sealladh latha sonraichte anns a bheil an Tighearna Dia a ‘dol a dh’fhosgladh “Tobar” a bhitheas a mhain airson peacadh agus neòghloine an duine. Tha sinn a labhairt mu thiomchioll an latha a bha ri teachd ann an Iosa Crìosd, an Slànuighhear. An latha a dh’fhosgladh dhoibhsan a fhuair mothachadh air am peacadh agus tre gràs Dhe a rinn aithreacheas airson am peacaidhean agus a fhuair maitheanas annsan. Tha fios againn gun do ghabh an Tighearna Iosa Crìosd an t-àite sin air crann-ceusaidh Chalbhari, s’gun do dh’fhullaing e na’r rùm agus na’r n’àite, chum is gum biodh beatha againne is gum biodh I againn nas pailte. Feumaidh sinn uile a cheisd a chuir rinn fhein; am bheil sinn a tighinn a ’dh’ionnsaigh Tobar na beatha, Cuspair ‘ur dochais, eadhon an Tighearna Iosa Crìosd? Am bheil tart air t-anam nach gabh sàsachadh le nithean na beatha seo agus thu faicinn an uine ruith air adhart a’ dh’ionnsaigh crioch do thurais, agus neòghloine a’ pheacaidh a coinneachadh riut gach latha? Nach leig thu bh’uat an greim a th’agad air an t-saoghal agus duin a steach ann an Crìosd; an tobar a dh’fhosgladh airson peacadh agus neòghloine. Isaiah 62.1
Anns an earrann tha seo, chi sinn am fàidh ri cuir an ceill dhuinn ciall nam briathran agus a dhilseachd fhein ann a bhi coimhlionadh nam boidean a ghabh e bho’n Tighearna nuair a’ chuireadh air leth e na fhaidh. Chi sinn gu bheil e cho durachdach agus cho eudmhor air taobh an Tighearna chum gum biodh gach soirbheachadh anns an eaglais. Cha bu choir gum biodh seo na iòngnadh dhuinn chionn’s gun robh am fàidh air a’ thaghadh airson na h-oibre seo agus gun robh Dia maille ris. Tha e a’ sealltuinn dhuinn gu bheil aire gu mòr air Rioghachd Dhè agus gu bheil e gu dileas aig caithirgràis a’ tagradh ri Dia airson fàs na h-Eaglais. Tha e ag innseadh dhuinn gu feum e bhi umhail agus a bhi air fhaotainn ag urnaigh agus mar sin a’ gleidheadh a dhàimh fhein ri Dia. Tha am fàidh mar gum biodh a’ cuir seula air ordugh an Tighearna dha agus na tha e feitheamh air ann an coimhlionadh na Glòire. Tha dealbh air a’ thoirt fa’r comhair mun an latha sin far am bi Sion mar fhireantachd a briseadh a mach mar sholus dealrach agus a slainte mar leus lasarach. Tha sinne beo ann an àm far am bheil sinn gu spioradail a’ faicinn mun cuairt oirnn mar fhàsach agus an saoghal a’ crìonadh fa chomhair ur suil le dìth stiureadh an t-Soisgeul, dh’ainndeoin’s gach oidheirp tha ministearan dileas a’ deanamh. Mar phobull, chan eil sinn a’ sealltuinn speis dhan an tsoisgeul neo do dh’aobhar a Chruthaidhear. Feumaidh sinn aideachadh gu bheil sinn annn an suidheachadh cunnartach. Tha aingidheachd air greim a’ ghabhail na’r latha agus tha sinn a’ cuir feum air tionndadh a’ dh’ionnsaigh Chrìosd agus coimhid ri cùis ar n’anam. Gum biodh sinne a’ tarruing ar smuaintean a’ dh’ionnsaigh Rioghachd Nèamh agus a’ coimhid ri suidheachadh ar n’anam mas bi e ro anmoch dhuinn. Gum biodh an Tighearna stiureadh an tuilleadh dhaoine leis an aon eud ri Isaiah agus ri togail ar guth air sgàth Shioin agus air sgàth Ierusaleim. Salm 51.1
Am bheil crioch bliadhna agus toiseach bliadhna ga d’ chuir fhein gu smaoineachadh mu thimcheall ciall do bheatha neo am bheil thu dhiubhsan nach eil a toirt smuain neo cuir suim anns a chuspair chudromach sin. Do chuid, tha ‘m beatha mar leabhar a thathar a leughadh agus duileag as deidh duileig a toirt dhaibh dealbh air mar a tha am beatha air a dhol. Tha ceisd a tighinn am barr gach àm air dè crioch na sgeoil agus an cois sin, cuin crioch na sgeoil? Dè mar a tha e dhuitsa agus doras bliadhna eile air dùnadh. Tha moran ann a ni rannsachadh gu leor mu thimcheall siorraidheachd agus air am bi fior eagal an uair a bheachdaicheas iad air. Tha feadhainn eile a’ chanas rinn nacheil iad a’ toirt aite don smuain sin aig àm sam bith. Bhiodh e inntinneach bunait gach aon a chluinntinn nuair tha fios again gu bheil an fhìrinn a cuir an ceill cho soilleir dhuinn bàs agus beatha; nèamh agus ifrinn. Tha an salmaidh coir ag innseadh dhuinn anns an t-salm a thagh sin gu hard gu bheil e faicinn fheum air tròcair agus caoimhneas – gràidh an Tighearna chum is gum faigh e maitheanas dha pheacaidhean. Tha e ri codhunadh gu bheil slighe air thoseach air anns an iarradh e a bhi gluasad a reir an fhiosrachaidh a thaige a bheir gu tearuinnteachd e. Tha e cheana air smaoineachadh air a shuidheachadh agus air a thuigsinn gu bheil a pheacadh a dol a sheasamh eadar e fhein agus a Dhia a nuair a thig crioch na sgeoile dhàsan. Bha gach duileag a bha e tionndadh a cuir an ceill dha dorchadas a shuidheachaidh agus nach robh ann ach aon slighe a shasaicheadh a chuis. Tha sinn a cuir feum air tròcair agus caoimhneasgraidh an Tighearna gach uile latha rè na bliadhna; chan e mhain aig a’ deireadh agus a’ toiseach. ‘S docha gu bheil thu ag radh nach urrainn dhuit urnaigh a chuir suas a’ dh’ionnsaigh an Tighearna. Ma cheadaicheas thu leam do stiureadh chum an t-salm a thog sinn gu h-ard, tha urnaigh h-simplidh agad an sin a’ chuireas do cheum chum cuspair na Slàinte shiorruidh agus aig am bheil tlachd ri bhi ag eisdachd ri urnaigh nam bochd. Salm 102.19,20
Tha an Salmaidh a cuir an geill dhuinn anns an t-salm, meud tròcair an Tighearna dha shluagh fhein agus a mhisneach a tha iad a tarruing bho a bhriathran. Tha sinn ri thuigsinn anns an t-salm gu bheil soilleireachd air a thoirt dhuinn air arduachdranachd Dhè, an coimeas rinne a tha air bhur dealbh mar phriosanaich air sailleabh a pheacaidh. Nach math dhòmhsa agus dhuitsa gu bheil Aon ann aig am bheil a chòmhnaidh air nèamh agus gu bheil aige-san cumhachd tearnaidh na làimh. Chaneil aon againne as urrainn a dh’radh gu bheil sinn as eugmheis peacadh na ‘ur beatha oir tha Focal na Fìrinn a deanadh seo cho taisbeanach dhuinn; “Tha an cridhe cealgach thar nan uile nithean, agus tha e do-leigheas; cò a’s urrainn a thuigsinn?” Ieremiah 17.9. Tha Dia, bho airde a naomhachd, a faicinn ‘ur n’ uile ghluasadan agus smuain agus chan urrainn dhuinn ni air bith a chle bhuaithe. Tha ‘ur peacadh air a sgaoileadh fa chomhair a shùil agus tha ‘n peacadh seo na ghràinealachd dha. Tha Dia na thròcair a gabhail truas dhìnn anns a phriosan seo ach saoil am bheil sinne ga’ur faicinn fhein ann an prìosan a pheacaidh seo agus sinn ri bhi ann gus an tog bhur Slànuighear as sinn ma tha e na rùn fhein dhuinn? De do smuain fhein an diugh mu thiomchioll do bheathe? Am bheil thu gad fhaicinn fhein anns an phriosan spioradail seo? Am bheil do pheacadh a deanadh dragh dhuit agus thu faireachdainn gu bheil e gad sgaradh bhon Tì aig am bheil cumhachd maitheanas, saorsa agus tearainteachd? Bheil thu ag osnaich anns an phrìosan seo chum is gun cluinn E do chràdh ag iarraidh fuasgladh bho chuibhrichean a pheacaidh? Gum biodh Dia maille ris gach glaodh a theid suas ga ionnsaidh. 1 Eoin 4.1
Cha bu chòr gum biodh e na anas neo na ioghnadh dhuinn a bhi togail nan briathran seo aig an am seo na’r n’eachdraidh agus sinn cho eolach air a’ bhi cluinntinn ioma fiosrachaidh a’ tighinn thugainn trè na meadhonan mu dheidhinn tachartasan cocheangailte ri creidimh. Glè thric, thig sinn gu bhur codhunaidhean fhein am bheil a ni a ghabh aite ceart neo cearr. Airson sin a’ dheanamh, feumaidh slat-tomhais a bhi againn airson beachd phearsanta a thoirt seachad agus anns a bhitheantas is e creidimh a tha air a’ chleachdadh. Bhiodh e, air an adhbhar sin, iomchuidh gum biodh eolas againn anns an fhìrinn; air an ni a tha cofhreagradh ris an t-suidheachadh fa’r comhair. Tha na sgriobtairean ag innseadh dhuinn nach eil ann ach an aon Dia fìor agus ceart agus marsin gu bheil gach creidimh nacheil a gabhail ris an Dia seo gun bhrigh agus gach neach a cheanglas iad fhein ri creidimh den t-seorsa seo air seachran. Feumaidh sinn a thuigsinn gum bheil nan sgriobtuirean a toirt dhuinn fiosrachadh a tha sealltuinn dhuinn an slighe anns a feum sinn imeachd. Mur a bheil sinn anns an t-slighe cheart tha sinn ag adhradh do dhia coimheach agus chaneil sinn fo threoireachadh an Spiorad Naomh ach fo stiureadh diathan brèige. Tha an fhìrinn a’ cleachdadh nam briathran, ‘ana-Criosd’ ri leithid seo agus fios againn gur ann an aghaidh ‘ur Dia-ne a tha iad uile. Tha ‘ur Dia-ne na Ard-Uachdaran agus tha e Naomh, Naomh, Naomh, agus an talamh uile lan de a Ghloirsan. Seall fhein cho faoin s’a tha e ma tha sinne creidsinn gum bheil cumhachd aig neach sam bi air thalamh agus gum bheil comasan aca agus an t-ughdaras a’ chuireas iad ann an co-ionnanachd ri Dia. Tha iad mar tha mise agus thusa ‘sa’n fheoil agus anns a’ pheacadh. Tha leithid seo de dhuinne a dol an aghaidh Soisgeul nan Saor Ghràs agus a deanamh a luchd-leantainn mar na doill a thaobh nithean an Spioraid. Tha fios againn gu bheil an Fhìrinn ga dheanamh glè shoilleir dhuinn gum bheil Dia bho bhithbhuanntachd gu bithbhuanntachd, gun atharrachadh na sgàile tionndaidh maille ris. Co chuireas bacadh air bhur Dia-ne. Tha an salmaidh ga chuir cho snasail dhuinn anns an t-salm 81.8,9: “Eisd, o mo shluagh, agus bheir mi fianuis dhuit; O Israeil, ma dh’eisdeas tu rium; Cha bhi Dia coigreach agad, agus cha chrom thu sios do dhia coimheach. Salm 31.1
Tha na briathran seo air an labhairt leis an t-salmaidh agus chaneil teagamh sam bith gur ann a’ dh’ionnsaigh an Tighearna a tha iad air an tabhairt. Tha adhbhair fhein aig an t-salmaidh airson a bhi tagradh ris an Tighearna oir tha e cho mothachail air a shuidheachadh fhein agus an laigse a tha an cois an fhein-fhiosrachaidh seo. Tha e faicinn gu bheil e a cuir feum air neart agus air cumhachd nach eil ri fhaotainn ach ann an Dia; an Dia anns am bheil e cuir a’dhòchas. Chan e an salmaidh a mhain aig am bheil feum air cumhachd bhon an Tighearna. Chi sinn air feadh nan sgriobtairean gum bheil moran earail air a’ dheanamh chum is gum biodh daoine a’ sireadh an Tighearna airson fuasgladh bho chuibhrichean na beatha seo. Tha an t-abstol Pòl a’toirt seo am follais dhuinn na litir a’dh’ionnsaigh nan Colosianach far am bheil e ag innseadh dhaibh mar a tha e ri còmhrag air an son. Tha an Spiorad a’ cuir ìmpidh air labhairt ris an eaglais ann an Colosse agus ann an Laodicea gum bitheadh iad air an dlùth-cheangal ra cheile ann an gràdh, agus chum uile shaoibhreis an làn dearbh-bheachd tuigse, chum eòlais rùin-diomhair Dhè, eadhon an Athar, agus Chriosd [Colosianach 2.1,2]. Tha Dia ri bhi na bhunait do gach aon a tha cuir an dòchas ann. Chaneil e na ìognadh mòr sam bith dhuinn gu bheil an salmaidh ag innseadh dhuinn anns an t-salm [Salm 40.2] gur anns a chlàbar a’fhuaireadh e. Nach ann an sin a’ chuireas am peacadh gach aon againn. Bi sinn a’ moladh an Tighearna gun do thogadh an salmaidh as a chlàbar agus gur ann air carraig a’ chuireadh a’ chosan agus a’ shocraicheadh a’ cheuman. Gum bitheadh focal na fìrinn a’ cuir ìmpidh ormsa agus ortsa gu bhi ag iarraidh Chriosd gu bhi na bhunait dhuinne. Gum bitheamaid mar a bha salmaidh ag radh, “asadsa, Dhè, ni mise bun.” Sheumais 4.15
Tha focal na fìrinn a’ sealltainn dhuinn gu ma soilleir gu bheil e cho nàdarra dhuinn gu bhi falbh a reir ‘ur n’ ana-miannan agus gum bu choir dhuinn a bhi faighinn air a reir sin. Tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil ceart-chòir againn air na h-uile nithean agus sin aig àm a tha freagarrach dhuinn. Seall mar eiseimplair, mar a’chì sinn anns a chaibteal seo fhein, Sheumais 4.3, “Tha sibh ag iarraidh, agus chaneil sibh a’ faotainn, do bhrìgh gu bheil sibh ag iarraidh gu h-olc, chum gun caith sibh e air bhur n-ana-miannaibh”. Tha seo ag innseadh dhuinn gu bheil sinn ag iarraidh gu cearr agus nacheil còir againn air anns an t-seadh sin, chionns nacheil sinn ga iarraidh mar bu choir dhuinn. Bha àm n’ur n’eachdraidh agus chluinneadh tu aig gach aon aig an robh speis do dh’àdhbhar a’ Chruthaidheair, “ma’s toil leis an Tighearna”. Cha robh duine faireachdainn gun robh coir air ni sam bith ach mar a’ bha Freasdal ri cuir ris. Tha sinne beo ann an linn anns nach eil mòran a’ cleachdadh nan briathran seo ach glè ainneamh. Tha cheist ri thogail air an adhbhar sin agus freagairt ri thoirt seachad carson a tha suidheachadh air atharrachadh chum na h-ìre seo. Nach bu mhath dhan h-uile duine bhi cuir na ceiste riuthe fhein agus coimhead nan cridhe fhein agus beachdachadh air a chuspair a tha iad a’ fagail a mach as a chùis. Tha an earrann a’ deanadh follaiseachadh dhuinn nacheil ann ach aon doigh air am faod sinn ar n’ iarrtaisean a’ chuir agus sin a’ dh’ionnsaigh an Tighearna a mhainn. Tha cinnt air a’ thoirt dhuinn anns an earrann seo, “bithidh sinn bèo agus nì sinn”. Bheil thu fhein a’faireachdainn falamhachd na’d bheatha a tha cuir ceist ort? Bheil ionndrainn na’do bheatha a tha do- thuigsinneach dhuit? Bheil Cuspair na Dochais air fhàgail a mach as do bheatha agus imcheist ort do nach d’fhuair thu freagairt fhathast. An aite bhi leanntainn ort anns an doigh a thagad nach cuir thu’n gniomh na briathran a’thog sinn an diugh: “ Ma’s toil leis an Tighearna, bithidh siinn bèo, agus ni sinn so, no sud”. 1 Corintianach 15.58
Nuair a leugheas sinn an earrann seo tha sinn air bhur toirt a’ dh’ionnsaigh an fhiosrachaidh a tha gach Criosdaidh ri cuir feum air oir tha an t-Abstol a toirt earail dhuinn agus a cuir ìmpidh oirnn mu thimcheall an latha mhòr air am bheil sinn mar chreidmhich ri feitheamh air. Tha sinn gu sonraichte a’ labhairt mu dheighinn na h-Aiseirigh agus tha seo a’ comhlionadh an dòchais a tha gach Crìosdaidh a’ gìulan bho chuir iad èolas air an Tighearna mar Shlànuighear. Bhiodh e freagarrach gum biodh ‘ur ‘n aire air a’ tharraing gu nì a tha cho prìseil dhuinn agus gum faiceamaid uair eile làmh an Tighearna ann am beartas a’ Fhreasdail air a’ nochdadh dhuinn mar chlann. ‘S e ‘ur dòchas aig an àm seo gum bitheamaid a’sealltainn taingealachd cridhe agus irioslachd inntinn nuair tha Gràdh Dhè air fhoillseachadh dhuinn as ùr agus sin tre Fhocal. Tha an t-Abstol a’cuir fa ‘ur comhair trì puingean a tha feumail dhuinn mar Chriosdaidhean agus tha e labhairt rinn ann an briathrancho coibhneil. Tha sinn air bhur meas mar “bhràithrean gràdhach.” Ma tha sinne air bhur meas mar sin nach biodh e iomchuidh gum bitheamaid a’ giulan toradh an Spioraid na ‘ur caithe-beatha laitheil agus gum bitheamaid air bhur ‘n aithneachadh a reir a Chuspair air am bheil sinn a deanamh fianuis. Tha cheud puing a’deanamh sin soilleir dhuinn nuair a tha e ag radh rinn, “bithibh-se daingean.” Feumaidh sinn a bhi daignichte anns an Ti anns a bheil ‘ur dòchas agus ‘ur muinghinn. Cha’n fhaod e bhi air a’chaochladh; “oir annsan tha ‘ur bith agus ‘ur beatha.” Anns an darna aite chi sinn gu bheil againn ri bhi neo-ghluasadach. Tha sinn ri sinn fhein a cho-cheangal ri focal na fìrinn agus a bhi air ‘r stiuireadh le srian an t-Soisgeul. Cha bhiodh e freagarrach gum bitheamaid a’deanamh ‘ur toil fhein mar a’chunnaic sinn ann an aite eile ‘s an Fhirinn far an “do rinn gach duine an ni sin a bha ceart ‘n a shùilibh fhein.” [Breitheamhan 21.25] Feumaidh sinne a’ chumail na’r cuimhne gu bheil Righ againne tha faicinn gach ni a tha sinn ris. ‘Se bhi seasmhach ‘san Fhìrinn a’ sheasas aig a cheann-thall. Anns an treas puing tha an t-Abstol ag ìnnseadh dhuinn gu bheil e mar dhleasdanas oirnn a bhi sìor-mheudachadh ann an obair an Tighearna. Tha seo aig a Chriosdaidh ri dheanamh mar fhiannuis air taobh an Tighearna, chum is gum faic an saoghal mun cuairt, Cuspair ar dòchais agus bhur gràidh. Nach bu truagh an fhianuis mur a bitheamaid a’ cuir an ceill ordugh ar Dia. Seall mar a’ chuir an salmaidh briathran an tsailm ann an snas cho sonraichte [Salm 16.8]: Do chuir mi romham, anns gach cùis, An Tighearna mòr a ghnàth; Chionn air mo dheas làimh gu bheil e, Cha ghluaisear mi gu bràth. Gun robh sinne uile a’coimhead air adhart a’dh’ionnsaigh an latha sin le dànachd ant-salmaidh agus ‘ur greim air gealladh na fìrinn. Eabhruidheach 12.5,6
Co againne is urrainn a’ radh nach d’fhuair iad smachdachadh, gu ìre choireiginn, bho ‘ur pàrantan an uair nach bitheamaid a deanadh mar bu choir dhuinn? Is docha nach biodh sinn ro thoilichte as deidh dhuinn smachdachadh fhaighinn agus gum bitheamaid de’n bharail nach ro e co-fhreagradh ris na rinn sinn. Nach h-iomadh uair a shaòil sinn nach b’ann le gràdh sam bi a’ fhuair sinn ‘ur smachdachadh agus gur ann ‘n uair a’ dh’fhàs sinn suas a’ choimheadamaid air ais agus a’ thuigeamaid gliocas na làimh a’ smachdaich sinn. Chì sinn an uair sin beartas a ghliocais agus an t-adhbhar air a shon. Nach iomadh uair a tha sinn taingeil airson an stiuradh agus a’ chomhairle a fhuair sinn agus a chum sinn, gu ìre, air slighe reusanta. Tha sinn a’ togail anns a cheann-teagaisg gum bheil an Tighearna mar an ceudna a’ toirt rabhadh dha chlann fhein gun a bhi cuir ann an suarachas na amannan anns am bi iad air an smachdachadh agus air an cronachadh an uair a bhios feum aca air. Tha e ag radh nach fheum sinn fannachadh ‘n uair a thachras seo. Tha e mar gum biodh E ag radh gur ann a bu choir dhuinn a’ mheas mar neart. Tha an Tighearna a’ faicinn gach ni a bhios sinn ris, eodhon gach smuain, agus air an adhbhar sin nach biodh e iomchuidh gun toireadh e smachdachadh oirnn. Tha E ag radh, “an ti a’s ionmhuinn leis smachdaichidh e.” Is e gràdh tha aig bunait an smachdachaidh seo. Chan e mhain sin ach tha an gràdh seo eadar-dhealaichte seach an gràdh a bha aig ‘ur n’athair talmhaidh. Tha an gràdh seo a’ toirt a steach an t-ullachadh airson naomhachadh chum na beatha maireannaich. Nach math gu bheil sùil an Athair oirnn agus gu bheil E glanadh gach peacadh bhuain chum is gum bi sin ullaichte airson an latha anns an iarr E dhachaigh sinn. Ma thug sinn urram do ‘ur pàrantan airson an smachdachadh a’ fhuair sinn bhuapa-san nach mò gu mòr a bu choir dhuinn gach urram agus ùmhlachd a’ thoirt do ‘ur n’athair neamhaidh agus cuimhne chumail air gliocas na làimhe a’ thug dhuinn a’ bhuaidh agus an dòchas airson an t-siorruidheachd a tha air thoiseach oirnn. Gu ro sinn air an adhbhar sin a’ lùbadh ‘ur glùin fa chomhair ‘ur Dia agus ga fhaicinn-sa mar chuspsair ‘ùr dochais agus ‘ur dachaigh bhuan. Gnath-fhocail 27.1
Nach tric a’chuala sinn bho ur sinnsearaibh nacheil an là màireach air a ‘ghealladh dhuinn. Aig amannan eile bha e cho cumannta na seann daoine bhi ag radh rinn, “ma ghleidheas an Cruthaidhear sinn ‘s gu faic sinn an latha màireach.” Bha na briathran seo air an cleachdadh nan còmhradh làthail agus cha bhiodh e ceadaichde dhuit a ‘chaochladh a’ radh gun a ‘bhi air do ceartachadh. Bha speis air a’ thoirt do rùn a ‘Chruthaidhear anns a chòmhradh choitchionn agus bha sluagh an àite nas cùramaiche nan imeachd spioradail seach mar a tha e an diugh. Faodaidh sinn a ‘thuigsinn bho bhriathran a ‘cheann-teagaisg gu bheil na Sgriobtuirean ga’r stiureadh air an aon ràmh agus nacheil atharrachadh air focal an Tighearna bho’n uair ud chun an àm seo. Tha an Fhìrinn a’ labhairt ri gach aon againn an diugh nach urrainn dhuinne a’bharrachd bhi coimhead air an là màireach mar gum biodh coir agus sealbh againn air. Tha Focal Dhè ag innseadh dhuinn gu foilleasach gur ann an Dia a ‘mhainn a tha “ur bith agus ur beatha agus ur n’uile chomasan gluasad.” Chaneil fios aig duine sam bith co latha neo an uair a ‘ghairmear sinn a’ dh’ionnsaigh ar dachaigh bhuan agus nach tric a’ chì sinn sin air a’ dhearbhadh dhuinn a measg ‘ur co-chreutairean. Tha an t-òg agus an sean air an gairm air falbh nuair as lugha dùil ris. Is e an cheisd dhuitsa agus dhòmhsa an diugh; am bheil sinn a ‘gabhail ri focal Dhè a tha ‘g innseadh dhuinn cho taisbeanach gur ann Aige-san tha uile choir air an nì sin? Tha an rabhadh air a’thoirt dhuinn anns a cheann-teagaisg chum is gum faic sinn an amaideas tha annainn mur a ‘bheil sinn a toirt an aite sin do’n Tighearna. “S ann aige-san tha fios air ‘ur crioch agus air ‘ur beatha. Gum beannaichean È sinn le gliocas gu bhi toirt fainear ‘ur suidheachadh. Isaiah 43.11
Nuair a leughas sinn na sgriobtuirean gu mionaideach bi sinn a’ togail ioma suidheachadh far am bheil daoine a’ cuir an uile dhòchas ann an diathan coimheach agus air an aobhar sin ri iodhal-aoradh. Tha seo gu math follaiseach anns an t-seann tiomnadh agus a rithis anns an tiomnadh-nuadh. Faodaidh sinn a’ radh gu bheil e na’r n’eachdraidh bho thùs. Nacheil e fior anns an latha anns a’bheil sinn fhein beo gu bheil sinn èolach air moran chreidimhean a measg an t-saoghail a tha cleachdadh iodhalan agus modhan eadar-dhealaichte nan aoradh. Tha an cleachdadh seo na ghràineilachd do an Tighearn agus tha e air a dheanamh glè shoilleir dhuinn ann an faidheadaireachd Isaiah, caib 41.24; “feuch, is neo-ni sibh,agus is nì gun bhrìgh bhur n’obair: is gràineilachd esan a’ roghnaicheas sibh”. Tha eiseamplair eile air a’ chuir fa’r comhair ann an leabhar Ieremiah, caib 2.7 anns a, bheil an Tighearna a’ cuir an ceill paillteas a’ laimhe do chlann Israeil ach dh’aindeoin’s na rinn e dhoibh; “thruaill iad m’fhearann agus m’oighreachd rinn sibh n’a ghràineilachd”. Is e aoradh aon doigh anns am bheil e comasach dhuinne a bhi cuir an ceill moladh agus ùmhlachd do’n Tighearna agus a bhi gabhail comh-pairt ann an co-chomunn ris-san mar a tha E air ordugh leis anns an fhìrinn. Nach biodh e reusanta gum bitheamaide a’dluthachadh ris an Tighearna agus ga fhaicinn-sa mar an aon Dia fior agus ceart. Tha seo cho cudthromach do gach aon oir tha an fhìrinn ag innseadh dhuinn, ma tha sinn a’ dol a’ shealbhachadh na beatha maieannaich gum feum sinn an taite sin a’ thoirt dha agus sin tre an Tighearna Iosa Criosd. Tha soilleireachd air a’ thoirt dhuinn ann an Soisgeul Eoin caib. 17.3; “agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, èolas a bhi aca ortsa an aon Dia fior, agus air Iosa Criosd a’ chuir thu uait.” Tha ‘ur ceann-teagaisg a’ cuir cùl ri dia sam bith eile ach an Tighearna Dia agus esan a’mhain. Tha sinn ri thuigsinn gur ann annsan a tha slainte shiorraidh ri fhaotainn; “agus a mach uamsa chaneil slanuidhear ann.” Tha fiosrachadh tha seo ag innseadh dhomhsa agus dhuitsa gu bheil sinn ann an suidheachadh anns am bheil sinn a’ cuir feum air Slanuidhear ma tha sinn fhathast na’r peacadh agus gun maitheanas peacaidh againn, is gun Chriosd mar Fhear-Saoraidh. Chan urrainn dhuinn a’ dhol as aicheadh sin oir pheacaich gach aon againn ann am focal, smuain agus gniomh. Mar sin, nach biodh e fragarrach gum bitheamaid a’ cuir ‘ur n’aghaidh air an Tighearna agus a’cuir èolas pearsanta annsan chum is gum bitheamaid a’ sealabhachadh an dòchais mhaireannach sin nach toir ni air bi bhuain. Dè do shuidheachadh fhein fa chomhair nam briathran a tha againn ‘sa cheann-teagaisg? Bheil thu fhathast am measg sluagh an t-saoghail mhòir agus do shùil agus do dhòchas ann an nithean na beatha seo a’ thig gu cinnteach gu crioch gun bhuanachd air bith? Tha Dia a’ labhairt riumsa agus riutsa. Gun gabhamaid ceum da ionnsaigh. Mata 5.10
Tha gach aon againn a’ fhuair sealbh air gràs an Tìghearna na ‘r beatha gu math èolach air na briathran seo agus nach biodh e reusanta mar Chrìosdaidhean gum bitheamaid a’ coinneachadh ri geur-leanmhuinn gu ìre choireigin bho latha gu latha. Tha na briathran ag ìnnse glè shoilleir dhuinn gu bheil e na bheannachd dhuinn ma tha sìnn a’ fulang airson ceartas Chrìosd agus airson na fìrinn. Tha è na adhbhar misnich dhuinn a bhi faicinn an dòchas a tha an cois na briathran cuideachd. Nach eil seo cho fìor ma ghluaiseas sìnn gu dìleas anns an t-slighe agus sinn a’ tabhairt ùmhlachd do Dhia. Tha e na stìuir agus na sholus don Chrìosdaidh ma chumas e na briathran seo na dhlùth shealladh. Dh’aindeoin’s an ìre a ‘thilgeas dàoine gach ana-cheartas agus anachainnt an taobh a tha sinn, fàodaidh sinn a bhi faighinn togail bho’n na briathran gach uair a’ leugheas sinn iad. Tha an 12mh earrann ag ìnnse dhuinn gu fàod sìnn gairdeachas a dheanaibh agus a bhi subhach, oir is mòr bhur duais air nèamh. Nach bu chòr dhuinn an tuilleadh strì a dheanaibh gu bhi seasaibh nas daingean airson an t-Soisgeul agus airson adhbhar ar Tìghearna Ìosa Crìosd. Tha sìnn a’ faicinn anns an latha anns am bheil sìnn bèo nach eil spèis air a’ thoirt do dh’ adhbhar an Tìghearna ach le aireamh gle bheag. Mar sin nach biodh e na nì ìonmholta nam biodh a’ shluagh fhèin a seasamh a mach an tuilleadh agus an tuilleadh agus gum biodh fianais air a’ dheanaibh dhàsan agus sin chum a’ chliù. Mar a mol a’ chlann fhein co nì. ’S docha gu bheil thu fhèin an diugh mar Chrìosdaidh agus thu fulang air sgàth Chrìosd agus thu giulan eallach tròm. Dh’fhàodadh gu bheil thu mothachail air saruchadh na do bheatha a tha ga do tharraing sìos. Cuimhnich thusa Chrìosdaidh gu bheil a bhuaidh ann an Crìosd agus gu bheil leatsa Rìoghachd nèamh. Bha an Salmaidh ag radh, “mar tha na beanntan mu thimchioll Ierusaleim, mar sin tha’n Tìghearna mu thimchioll a shluaigh, o’n àm so agus gu bràth” [125.2]. Cùm Criosd na’d shealladh agus grèimich air dochas A gheallaidh. 1 Peadair 1.24,25
Tha na gleocaichean air an cuir air an ais agus gu cinnteach tha an latha nas giorra agus sinn a’faicinn dorachadas na h-oidhche a’tighinn oirnn mar gum biodh nas traithe. Nach saòl thu fhèin nacheil cho fada ann bho bha gach aon againn a’deanadh gairdeacheas ri blàths an t-samhraidh agus sinn a’faicinn fàs anns na gàraidhean agus anns na machraichean. Bha na seallaidhean seo na thogail inntinn dhuinn uile air dhoigh a choireigin. Dh’fhaodadh e bhith gum bi cuid dhen òigridh a’ coimhead nas motha ri fasain an latha agus gu de an t-aodach a bu choir dhaibh a’ bhi cuir orra seach a’ bhi coimhead ri ailleachd an àite. Tha aon nì cinnteach a measg gach aòis: gu bheil atharraichaidhean a’ gabhail àite ann am beatha gach aon. Chì sinn seo agus fairichidh sinn seo mar as sinne a’bhios sinn a’ fàs. Dhaindeoin s’ na chì sinn de dh’atharraichean a’ gabhail àite na’r beatha tha sinn cho dualach a’ bhi cuir cudthrom cho mor air nithean diomain na beatha seo agus gun sìnn a toirt an àite bu choir dhuinn do na nithean a’ bhuineas don t-siorruidheachd mhòr a’ tha air thoiseach oirnn uile. Tha an fhìrinn ag ìnnseadh dhuinn cho tric gur e an duine glic a bheir fanear agus a’choimhdeas ri suidheachadh anam. Tha fios againn gun tig an latha anns a’feum sinn uile coinneachadh ri Dia agus cùnntais a’ t h oirt air mar a’ ghiulain sinn sinn fhèin anns a’ bheatha seo. Nach ioma uair a tha sìnn a’ toirt an aite shonraichte sin do ‘ur co-chreutairean agus gun speis again do Dhia neo ni air bith a’bhuineas dha. Bhiodh e cho freagarrach dhomhsa agus dhuitsa gum bitheamaid a’ cuir an Tighearna na ‘ur sealladh an tuilleadh agus an tuilleadh agus a’ bhith tabhairt dhàsan gach clìu agus moladh. Tha an Tighearna air slighe fhosgladh dhàibhsan a’chuireas an earbsa agus an dochas annsan agus sin ann an Iosa Criosd, ‘ur Slànuighear. Tha e na mhisneach mhòr dhuinn nuair a leugheas sinn nach tig atharrachadh sam bi air focal an Tighearna . Oir is e seo am focal tha ag innseadh dhuinn nach seas ni air bi anns an tsaoghal seo dh’aindeoin ‘s an ire ruigeas sinn neo co bhios ga’r moladh. Tha an t-abstol Peadar a’ deanadh seo gu math soilleir dhuinn: “Oir tha gach uile fheòil mar fheur, agus uile ghlòir dhaoine mar bhlàth an fheòir. Seargaidh am feur, agus tuitidh a bhlàth dheth: Ach fanaidh focal an Tighearna gu sìorruidh.” Gum bitheamaid uile a’ coimhead ri Iosa Criosd agus gur annsan a’ chuireamaid ar dòchas. Salm 122.1
Tha an Salm seo air a’ chùnntais mar aon air am bheil eòlas aig mòran agus tha e ‘togail fa chomhair gach aon againn an tlachd a tha aig an t-salmaidh air a’ bhi ‘dol a thaigh an Tighearna. Nach math gu bheil iad ann fhathast, thall ‘s a ‘bhos, aig am bheil ìarrtas air a bhi ’cuir an aghaidh air an eaglais air Latha – na – Sàbaid. Ma tha thu air do chùnntais mar aon dhuibh seo ‘s dòcha gum bi e cuir ìongnadh ort carson nach eil an tuilleadh a’ tighinn a mach. Nach iomadh àdhbhar a tha an salmaidh a‘ toirt dhuinn airson tighinn a thaigh an Tighearna: toirt buidheachas do Dhia; bhi ‘g urnaigh airson sìth dha fhèin is do chàch agus air sgàth ar Tighearna Dia. Tha beannachdan an Tighearna ann an teistanas mhòran a nuas thar na bliadhnaichean agus nach iomadh neach a fhuair fuasgladh agus freagart air na h-iomcheistean a’ bhiodh a ‘togail ceann na’m beatha. Tha Bhliadhn’ Ùr air tòiseacheadh agus an t-sèann bhliadhna air crìochnachadh agus tha ceist a’ cumail air bruidhinn rinn uile mu thimcheall ar n’ anam agus ar Dia. Tha an earrann seo anns an t-salm a‘ labhart mu thiomcheall an fheadhainn sin air am bheil aoibhneas a‘ dol a thaigh an Tighearna. Nach math dhoibhsan air am bheil an taoibhneas seo! Tha feadhain eile ann tha dol dhan eaglais agus a tha fhathast a feitheamh ri fuasgladh air na cuibhrichean gus an dean iadsan mar an ceudna aoibhneas an lathair an Tighearna. Tha mòran eile nach eil a‘ dol faisg air eaglais agus nach eil ag iarraidh tighinn a‘ steach. Nach truagh an suidheachadh a tha iad ag altrum. ‘Se cheist dhoibh air an latha seo: Cò neo dè anns am bheil sìbh a‘ deanamh aoibhneas? Bheil sìbh a‘ tuigsinn a’ chunnart anns am bheil sìbh? ‘Se ùrnaigh sluagh an Tighearna gum bitheadh càch a‘ cuir an aghaidh air taigh an Tighearna agus gum bitheadh iad a‘ cuir èolas pearsanta air an Tighearna Ìosa Crìosd a ‘thug E fhein suas airson truaghain pheacach mar tha sinne. Anns a’ bhliadhna seo ma ‘se seo do shuidheachadh, carson nach smàoinich thu air an t-Siorraidheachd a tha air thoiseach ort agus stiùr do cheum a‘ dh’ionnsaigh taigh an Tighearna far an cluinn thu facal an Tighearna air a‘ shearmonachadh agus a‘ bhi g’ ùrnaigh gu faigh thu dòchas na do bheatha a‘ chuireas aoibhneas air do shiubhal. Salm 119.145
Nach math an t-eiseamplair a tha an salmaidh a’cuir an cèill do gach neach a’ leughas na briathran seo. ‘S docha gu bheil thu fhein cho tric a glaodh ris an Tighearna agus gu sònraichte ma tha dragh neo uallach ort a bhios ga d’fhagail iomaganach ‘s nach fhaigh thu freagart iomchuidh bho do cho-chreutairean. Nach math gu bheil slighe na hurnaigh fosgailte dhuinn airson a bhi dortadh ar cridhe am fianais an Tighearna. Chleachd mi am facal ‘eiseamplair’. Saolaidh mise gu bheil dealbh air a ‘dheanadh air an seo dhuinn a tha chum ar feum n ‘ar n’uile shuidhichidhean. Bha a’ ghlaodh a ‘mhain a, dhionnsaigh an Tighearna agus rinn e sin le uile chridhe. Tha cho cudromach dhuinne cuideachd gur e seo an doigh a ‘dh’fheumas sinne tighinn a dhionnsaigh an Tighearna ann an urnaigh. Chan fhaod ‘ur suil neo ur n’inntinn a bhi claonadh gu nithean eile fhads’ a tha sinn a’ deanadh gnothach ris. Tha Dia ag iarraidh gun toir sinn dha ‘ur n’ fhaire gu h-iomlan aig caithair grais. Bha iarrtas sonraichte aig an t-salmaidh air an Tighearna: thubhairt e: “Eisd rium, a Thighearna”. Tha e cho soillear dhuinn an seo gun ro dàimh air leth aig an t-salmaidh ris an Tighearna. Is toigh leis an Tighearna a bhi cluinntinn a’ shluagh fhein a’ glaodhaich ris le n-uile chridhe ‘s gun eisdeadh e riutha. Tha e na thlachd dha. Nach mor na, ur sealladh an t-aobhar a dh’iarr e gun “eisdeadh” E ris: “gleidhidh mi do reachdan”. Tha e ag aideachadh ris an Tighearna gur e Esan bun-steidh a bheatha. Mar sin gabhaidh mise ri do reacdan chum is gun bi iad na stiur nam bheatha. Tha e math dhuinn teachd dluth do Dhia. De do dhaibh fhèin ris an Tighearna an diugh? An iarradh tu fhein gum biodh do ghlaodh ris, agus sin bho, uille chridhe agus gun eisdeadh e riut? Thubhairt an salmaidh ann an aite eile: Do ghlaodh mi ris gu h-àrd le m ’bheul: Le m ’theangaaidh dh’àrdaich’ e. A’m ’ chridh’ ma bheir mi spéis do’n olc, cha-n éisd an Tighearn mi. Gu dearbh dh’éisd Dia rium: thug fa’near Guth m’urnaigh Righ nan dùl, Moladh do Dhia, nior cheil a ghràs, ’s mo ghuidh’ nior chuir air cùl. [Salm 66.17-20] Salm 128.6
Tha sinn air tighinn gu àm laithean saora an t-samhraidh far a bheil ur clan gu bhi timicheall oirnn airson na seachdainnean a tha air thoiseach oirnn. Nach math gur ann mar seo a tha. Tha sgoiltean, colaisdean agus oil-thaighean air dùnadh re uine agus àm air thoirt do ar cloinn uallach faoghlam a leigeadh dhiubh airson greiseag, co dhiu. Tha mi ag radh ‘airson greaiseag’ oir tha e fior nach eil faoghlam air neo ionnsachadh ri stad aig àm sam bith nar beatha. Tha gach latha a tabhairt fiosrachadh ùr do gach aon againn, co dhiu òg neo sean agus air an dòigh sin, tha ionnnsachadh a’ dol air adhart. Tha e fior dhuinn cuideachd nar beatha spioradail. Tha cuimhne agam air sgeulachd bheag a’ chuala mi o chionn bhliadhnaichean air ais agus teaghlach air tighinn dhachaigh airson laithean saora an t-shamhraidh. Thàinig La na Sàbaid agus àm na h-eaglaise agus thuirt am mathair ri cuid chloinne, ‘bheil sibh a’faighinn deiseil airson a dhol dhan eaglais?’ Thainig an freagairt ‘O Mhamaidh, tha sinne air laithean saora’. ‘O s’docha gu bheil’ arsa Mathair, ‘Ach cuimhnicheadh sibhse gu-ta, chan eil Dia air laithean saora. Marsin theid sinn uile dhan eisdeachd’. Deagh chomhairle da riribh. Tha e fior gu bheil fiosrchadh cudromach aig Dia dhuinne gach là ach se a cheisd, am bheil sinne a’ toirt fainear an teachdaireachd a tha na chois? Nuair a chuireas sinn cunnartan agus buairaidhean an t-saoghal seo na a r’ follais bu chòr gum bitheamaid a’ faicinn mar an ceudna an cunnart anns a bheil ar clann agus gu sonraichte air mhodh spioradal. An saoghal cho tarraingeach agus ga slugadh suas! Se cheisd dhomhsa agus dhutsa, a bheil sinn gan cuimhneachadh gach Là aig Cathair-Gràis, far am bi sinn ag iarraidh gum bi dian agus stiureadh an Tighearna oirre? Seall an eiseampleir a thug Iob dhuinn mu thimicheall a theaghlachsan aig àm na cuirme “Agus dh’eirich e moch sa mhadainn, agus dhìobair e iobairt-loisgte a reir an aireamh uile: oir thuirt Iob theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallach iad Dia nan cridhe”. Mar seo rinn Iob gach là. [Iob 4.5]. Chì sinn cuideachd briathran anns na Gnath-Fhocail 4.1&2 “Cluinnibh, a chlann, teagasg athar, agus thugaibh an aire chum, gun faigh sibh eolas air tuigse oir tha mi toirt dhuibh deagh theagaisg; na treigibhse mo reachd”. Gun robh impidh air a chuir oirnn mu thimicheall coir spioradail ar cloinne agus gun greimichamaid air gealladh an fhocail mar a chì sinn gu soillear ann an Leabhar na Salm 128.6 far a bheil beannachdan an Tighearna air a chuir far comhair. O, gun robh cuideachadh an Tighearna air siubhal gach aon againn gu bhi deanamh mar a rin Iob. Gun robh e gar cumail gun a bhith cuir ann an suarachas aitheantan bhur n’Athar Neamaidh. Chan eil ar beatha air thalamh ach glè ghoirid ach tha siorraidhachd mhòr fhada robh gach aon. Gun deaneamaid ur dleasdanas airson ar clan agus air sgàth Chriosd. 1 Peadair 2.2
Nach prìiseil da rìireabh a chomhairle tha Peadair a cuir a’ dh’ionnsaidh na eaglaise a chum is gum fàs I anns a chreidimh. Tha e togail fa ‘r comhair gu bheil sinn mar naoidheanan air ‘ur n’ùr-bhreith agus air an aobhar sin a’ cuir feum air a’ bhi beathachadh air an aòn ni tha cudromach agus nach eil ri fhaotainn ach ann am focal an Tighearna agus sin tre Iosa Crìosd ‘ur Slanuighear. Feumaidh sìnn a’ thuigsinn gur e Crìosd a mhain am bunait air a’bheil ‘ur creidimh air a’thogail agus gur E ‘ur dochas airson ‘ur dachaigh nèamhaidh. Tuigidh gach àon againn sìmplidheachd na briathran a tha Peadair a’cleachdadh oir tha sinn mìnèolach gur e am bainne a’ mhainn a dh’fheumas naoidhean mar bhiadh. Tha sinn air a’ bhi faicinn anns na seachdainean mu dheireadh na huain agus na làoigh air am breith agus tha e na thlachd ro mhòr dhuinn a ’ bhi ga faicinn ri cleasachd de gach sèorsa air feadh nan pairceanan. Chi sinn cho cudromach ‘sa tha am bainne dhoibhsan aig àm am breith agus gu cinnteach nach bi iad bèo as èugmhais. Tha mise agus thusa mar seo gu spioradail. Cha dean sinne as èugmhais focal an Tighearna; ’s e ‘ur biadh agus ‘ur suspainn. Tha am Focal na neart dhuinn cuideachd agus ‘s e a’ chumas sinn air an t-slighe. ‘S e a’chuireas soills air ‘ur slighe dhuinn a’chum is gluaseamaid anns an t-solus agus nach bi sinn ri tuisleachadh mar anns an dorchadas. Tha am bainne air a’shàmhladh le Peadair chum is gum faic an neach a tha air ùr-bhreith ann an Crìosd gum bi e a’ tòiseachadh leis a ni a tha gu bhi feumail agus bunaiteach dha is gum fàs e ann an gràs agus ann an èolas ar Tighearn’ agus ‘ur Slanuighear Iosa Crìosd. [2 Peadair 3.18] Tha an sgriobtuir ag innse dhuinn ann an ait’ eile: “Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, Mur iompaichear sibh, agus mur bi sibh mar leanabanaibh nach teid sibh a steach do rìoghachd nèimh”. [Mata 18.3] Tha sinn ri mòran fhòghlam air slighe na naomhachd agus bhiodh e iomchuidh gum bitheamaid ri greimeachadh air an fhiosrachadh a tha na bhunait anns a chreidimh; eadhon mar leanaban. Mar na h-ùain agus na làoigh thig an latha anns am bi sinn a’ cuir feum air biadh is treise agus nach math gu bheil gach ni tha sinn ri cuir feum air againn anns an Fhocal. Thuirt an salmaidh: Tha d’fhocail bunaiteach gu bràth, ’s na nèamhaibh àrd’, a Dhe: Tha d’fhìrinn is do thairisneachd buan-mhaireannach gach re: [Salm 119.89-90] Gniomharan 9.6
Iarraibh Bainne Fior-ghlan an FhocaiAnns an iris mu dheireadh, thug sinn sùil air ais air a’bhliadhna a ‘chuir sinn, agus chunnaic sinn cho fialaidh ‘s a’ fhuair sinn bho làmh an Tighearna. Bhiodh e freagarrach dhuinn mar luchdaideachaidh a bhi ‘g urnaigh airson na tha fhathast air taobh-a-muigh cearcal gràis an Tighearna, gun eòlas pearsanta aca air Crìosd, ‘s mar sin as eugmhais dòchas. Tha e cho cudthromach gum biodh an t-eòlas seo aig gach aon chum gum greimicheadh iad air a’ ghealladh nach eil ri fhaotainn ach ann an Crìosd a’ mhàinn. Feumaidh gach àon againn bàsachadh don pheacadh agus maitheanas fhaighinn bho’n Tighearna. Feumaidh sinn seirbhis a’ dheanamh dhàsan agus chan ann don t-saoghal, oir chaneil buanachd ach ann an Crìosd. ‘S ann an Crìosd tha sìth ri fhaotainn agus tha t-sìth seo maireannach. Ma tha thu fhein fhathast gun Chrìosd, co air a tha do ghreim aig an am seo? Am bheil thu riaraichte agus sàsaichte leis na bheil agad? Is iomadh neach a bha air a ‘ mhealladh leis an nàmhaid ag innseadh dhaibh gun ro pailteas an t-saòghail seo dol ga shàsachadh. Ach is iomadh truaghan ris an do choinnich an Tighearna nuair bu lugha duil aige agus a’ thuig an uairsin culbheartan an t-sàtain. Seall Sol o’ Tharsis, mar a’choinnich Crìosd ris air an t-slighe gu Damascus. Leugh seo dhuit fhein ann an Gniomharan nan Abstoil anns an naodheamh caibteal. Abair fhein agus faic a’bhuanachd a’fhuair Sol! Seall gràs Dhè air a’ nochdadh ann am freasdal do Phòl; chaidh e thairis o bhàs gu beatha agus bho dhorachadas gu solus. Thadhar ag radh mu thiomchail anns an àonamh earrann deug “Oir feuch, tha e ri ùrnaigh.” Bheir gràs an Tighearna atharrachadh air do bheatha a bhitheas chum buanachd dod anam. An e seo a bu mhiann leat fhein ma tha thu aig an dearbh am seo gun èolas pearsanta air an Tighearna Iosa Crìosd, an Slanuighear. Cuimhnich, chan ann na do neart fhein a tha seo gu bhi gabhail aite. ‘S ann le Dia a tha tearuinteachd an anam. Tha an Tighearna ag radh ann an ait’ eile; “Chan ann le neart, no le cumhachd, ach le mo spioraid-sa deir an Tighearna.” [Sechariah 4.6] |
CONTACT |
QUICK LINKS |
SErvice TimesSabbath Services: 12.00noon & 6.00pm
Prayer Meeting: Thursday 3.00pm |